
Rugadh Evelyn Chaimbeul (Jeffrey) ann an Glaschu air 13 Ògmhìos, 1922. Bha a h-athair, Dòmhnall Caimbeul à Cros ann an Nis, na dhotair ann an Denny, ann an Siorrachd Shruighlea, aig an àm. B' i Màiri NicRath, à Port Mholair anns an Rubha an Leòdhas, a màthair. Tha bràthair, Calum, agus piuthar, Nanna, aig Evelyn.
Nuair a bha i trì mìosan a dh'aois ghluais an teaghlach a Leòdhas far an robh a h-athair air obair fhaighinn na dhotair air na Lochan. Bha iad a' fuireach airson greis ann an Ceòs agus an dèidh sin ann an Liùrbost. Chaidh i do Bhunsgoil Chnoc Iain Duibh agus an dèidh sin do Sgoil MhicNeacail.
Nuair a bha i ceithir bliadhna deug chaidh i do Sgoil St Dennis ann an Dùn Èideann. 'S ann an sin a dh'fhàs e soilleir gu robh guth seinn sònraichte aice. Bha i fhèin ag iarraidh a bhith na nurs neo a dhol don Sgoil Chòcaireachd, ach mhol an luchd-teagaisg gu làidir dha pàrantan gum bu chòir dhi ceòl ionnsachadh.
Bha guth math seinn aig a h-athair. Bhiodh e a' seinn aig cèilidhean agus bha e na phìobaire math cuideachd. Nuair a bha e òg, mus tug e a-mach an dotaireachd, bha e ann an Còmhlan Phìobairean Auckland.
Fhuair Evelyn oideachadh ann an ceòl le Joyce Fleming agus Ruth D' Arcy Thomson. Thug iadsan air adhart a comas air seinn gu mòr, ga misneachadh gu bhith na prìomh sheinneadair 's gun i ach beagan is fichead bliadhna a dh'aois.
Ann an 1948 chaidh i a Lunnainn airson dà bhliadhna trèanaidh agus fhuair i L.R.A.M., Licentiate of the Royal Academy of Music. Am measg an luchd-teagaisg a bha aice an sin bha Ealasaid Schuman. Nuair a chrìochnaich Evelyn a trèanadh fhuair i cuireadh a dhol an lùib dà chompanaidh opara, Sadler's Wells agus Carl Rosa. An dèidh ùine ghoirid an sàs ann an opara bha e follaiseach dhi gun còrdadh e fada na b' fheàrr rithe a bhith seinn aig nan consairtean agus thill i a dh'Alba airson sin a dhèanamh.
Beag air bheag sgaoil a cliù fad is farsaing, chan ann a-mhàin airson seinn sa Gàidhlig ach ann am Beurla, Gearmailtis agus Fraingis cuideachd. Bha fèill mhòr oirre air feadh na dùthcha.
Aig partaidh aon oidhche chuala i guth àlainn fireannaich agus mar a thuirt i fhèin "Choinnich mi a ghuth agus phòs sinn." Bha Anndra Jeffrey air a bhith an lùib nan Gurkha anns a' chogadh agus an dèidh sin thòisich e ag obair ann an gnìomhachas pàipear anns na h-Innsean. An dèidh dhaibh pòsadh ann an 1951 chaidh iad do na h-Innsean airson còig bliadhna. Lean Evelyn oirre a' seinn fad 's a bha iad anns na h-Innsean anns a' Mhessiah agus aig iomadh consairt clasaigeach.
An dèidh tilleadh rinn iad an dachaigh ann an Dùn Èideann agus bha bliadhnaichean trang dha-rìreabh aig Evelyn a' seinn na h-aonar agus airson greis, bho mheadhan nan trì ficheadan, còmhla ri Seinneadairean Dhùn Èideann - Seonag NicChoinnich, Iona NicDhòmhnaill agus Màiri Sandeman. Bha Seonag na tidsear air leth dhi agus tha Evelyn a' sònrachadh Sheonaig agus Uilleam MacMhathain, mar an dithis a dh'ionnsaich dhh na tha fhios aice mu sheann òrain Ghàidhlig.
A bharrachd air a bhith nochdadh air àrd-ùrlar rinn Evelyn mòran phrògraman còmhla ris a' BhBC agus STV.
Ann an 1970, nuair a dhùin an companaidh aig an robh Anndra ag obair, fhuair e obair ann an Algeria agus bha Evelyn còmhla ris anns an dùthaich sin airson trì bliadhna.
An dèidh tilleadh à Algeria fhuair i cuireadh seinn anns an Albert Hall a' Lunnainn agus tha àite sònraichte aig a' chuirm-chiùil sinn na cuimhne mar 's dòcha an oidhche a b' fheàrr a bh' aice air àrd-ùrlar. Mun àm sin cuideachd sheinn i anns an Usher Hall agus bhòidich i an dèidh an dà oidhche shoirbheachail sin gu sguireadh i sheinn aig àirde a comais, agus 's e sin a rinn i.
Bha aon nighean, Susan, aig Evelyn agus Anndra agus tha i pòsta ann am Madrid. Sin far am bi Evelyn a' cur seachad a' gheamhraidh.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.