Eòghann MacColla (Bàrd Loch Fìne)

Rugadh Eòghann MacColla, Bàrd Loch Fìne, no Clàrsair nam Beann, sa Cheann Mhòr, baile beag mu chòig mile à Inbhir Aora, an 1808.

Bha athair, Dùghall MacColla às an Apainn, na bhàrd, agus bha a mhàthair, Màiri Camshron à Garbh-Choire an Sgìre Chòmhghail, làn sgeulachdan agus òrain.

Chaidh a theaghlach a Chanada sa bhliadhna 1831 ach cha do dh'fhalbh e còmhla riutha idir oir bha e airson a' chiad leabhar de chuid òrain fhaicinn an clò. Nuair a bha e mu 30 bliadhna a dh'aois chaidh e a Liverpool far an robh e na chlèireach an taigh-cusbainn a' bhaile fad aon bliadhna deug.

B' ann do Shìne Chaimbeul a rinn e a' mhòr-chuid de na h-òrain gaoil, ach cha do phòs iad a riamh. Phòs ise fear eile agus bha e fhèin pòsdta dà uair.

Ach cha b' e òrain gaoil a-mhàin a rinn e; bhiodh e cuideachd ri aoireadh is moladh, ri fealla-dha is caoidh. Ged a bha a' bhàrdachd aige a' còrdadh ri mòran tha e air a ràdh nach robh barail mhath sam bith aig muinntir Inbhir Aora air fhèin neo a chuid obrach. Ri linn sin dh'aoir e iad ann am bàrdachd 'Aoir Slochd a' Chùbair'.

'S ann an Canada a chuir e seachad an dàrna leth dhe bheatha. Shaothraich e fad bhliadhnaichean san t-seirbheis chusbainn am baile Kingston agus chaochail e an Toronto aig aois 90 ann an 1898.

Cluinnear òrain leis leithid 'Taobh Abhainn Aora', 'Mo Rùn-sa Màili Bhòidheach', Fòghnan na h-Alba agus 'A' Chaileag Shuaineartach' an ìre mhath tric fhathast. Tha cuimhneachan air anns a' chàrn a thog a chàirdean anns a' Cheann Mhòr, agus air a bheil na briathran seo:

Mairidh ainm 's a dhuan
Cho fad 's is buan ar ceòl.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.