
Rugadh Eòghainn Moireasdan, Eòghainn Fhionnlaigh Chìobair, anns an t-Samhain, 1899, ann am Baile Ghobhainn an Glaschu. Bha Fionnlagh Cìobair à Grèinetobht, Uibhist a Tuath agus bha e pòsta aig bean Èireannach. Chaochail a mhàthair nuair nach robh Eòghainn ach òg, 's thug athair an teaghlach air ais a Ghrèinetobht.
Nuair a bha e aois cosnaidh fhuair e obair a' dràibheadh aig an Dotair MacCoinnich, lighiche a bha fuireach ann an Scolpaig. B' ann aige a bha a' chiad chàr a thàinig a dh'Uibhist a Tuath agus chaidh Eòghainn gu ruige Helensburgh (Baile Eilidh) ga iarraidh, gun chead draibhidh no eile!
B' e duine mòr a bh' ann an Eòghainn, còrr agus sia troighean a dh'àird, ach aotrom air a chasan, le falt cho geal ris a' chanach.
An dèidh sguir aig an Dotair, bha e ri obair fearainn, ri buachailleachd agus ri cìobaireachd.
Phòs Eòghainn Eilidh NicIllFhialain, Eilidh Sheonaidh 'ic Alasdair, à Baile Raghnaill, agus bha a' chiad dachaigh aca am Baile Lòin. Às a' sin ghluais iad gu taigh-tughaidh air an Druim Dhubh am Paibleisgearraidh. Bha triùir chloinne aca, Fionnlagh, Oighrig agus Màiri Anna, agus bha guth seinn aig an triùir.
B' e fìor thaigh-cèilidh a bha aig Eòghainn agus Eilidh. Tha e coltach nach robh aig duine ri iarraidh air Eòghainn seinn; bha e daonnan a' seinn. Thogadh e òran ann an tiotan, agus bha e làn ceòl. Bha cuimhne air leth aige agus bhiodh e a' teagaisg dannsa don òigridh. Bha Eilidh i fhèin cuideachd math gu seinn, le guth uabhasach binn.
Bha Eòghainn a-riamh a' dèanamh rannan beaga èibhinn, tric a' tarraing à daoine, ach cuideachd a' tarraing aire dhaoine gu rudan ùra, mar eisimpleir, nuair a thòisich boireannaich an toiseach a' dol do thaighean-seinnse. Fiù 's nan tachradh e ri cuideigin air an rathad mhòr, is gun toireadh an còmhradh cuspair dha, bhiodh rannan aige deiseil mun ruigeadh e dhachaigh.
Chaochail Eilidh ann an 1976, agus chaochail Eòghainn anns a' Ghearastan, far an robh e a dhithis nighean a' fuireach, ann an 1980.
Fhuair ogha Eòghainn, Seonag NicAnndrais, a' chiad duais airson filmichean aithriseach aig farpais Film G airson Beatha a' Bhàird, film a rinn i mu a seanair.
Tha sinn gu mòr an comain Sheonaig airson an fhiosrachadh seo.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.