Eòghainn MacNeacail (Eòghainn Fìdhleir)

B' ann à Taobh Sear an Eilein Sgitheanaich a bha Eòghainn MacNeacail, Eòghainn Fìdhleir. Thàinig e a dh'fhuireach a Chille Mhoire. Bha fear Fearchar Drumair, MacNeacail cuideachd, a bha càirdeach dha, beò nuair a bha Annag Arnott (1887 – 1978) à Lianacro an Cille Mhoire, a chlàr Òran do Mhac Eòghainn Fìdhleir an toiseach do Sgoil Eòlais na h-Alba, òg. 'S e MacNeacail a bh' innte fhèin, agus dh'fhaodadh gun robh i càirdeach dhan dithis aca.

Chan eil mòran fiosrachaidh ri fhaotainn mu Eòghainn Fìdhleir ach a-mhàin gur e bàrd agus fìdhleir a bh' ann, agus a bharrachd air an t-òran a rinn e air bàs a' mhic gum biodh e a' dèanamh phort-à-beul, mar eisimpleir 'O Seallaibh Curaidh Eòghainn'.

Tha sinn an comain Mhòraig NicLeòid agus Eòin Dòmhnallach airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.