Rugadh Ellen Nic na Ceàrdaich ann an 1965 agus thogadh i ann an Inbhir Ghrainnse, far an deach i do Bhun-sgoil Sacred Heart. An dèidh sin chaidh i do dh'Àrd-sgoil Naomh Mungo anns An Eaglais Bhreac. Buinidh an teaghlach aice do Bharraigh agus sin far am bhiodh i a' cur seachad saor-làithean na sgoile gach samhradh mar a tha an triùir ghillean aice fhèin a-nise a' dèanamh 's iad a' faighinn ionnsachadh ann an ceòl aig Fèis Bharraigh.
Chaidh Ellen do dh'Oilthigh Obar Dheathain a dhèanamh Ceiltis agus cheumnaich i ann an 1986. Bha i bliadhna ann an Colaiste Naomh Anndra, ann an Glaschu, a' faighinn teisteanas airson teagaisg bun-sgoil. Fhuair i obair ann am Baile Dhubhthaich far an robh Ionad Gàidhlig air ùr fhosgladh.
Thug i trì bliadhna ann am Baile Dhubhthaich mus deach i a dh'Inbhir Pheofharain, far an robh, a-rithist, Ionad Gàidhlig dìreach air ùr thòiseachadh.
An dèidh a bhith far a h-obrach a' togail teaghlaich, tha Ellen a-nise ag obair pàirt-ùine anns an Sgoil Ghàidhlig ann an Inbhir Nis agus tha i a' fuireach faisg air làimh, anns an Eilean Dubh.
Bha Ellen a' cosnadh dhuaisean aig Mòdan bho bha i na nighinn òig agus fhuair i am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig a' Mhòd Nàiseanta ann an Inbhir Nis, ann an 1984. Cha robh i riamh ro chofhurtail a' seinn air àrd-ùrlar agus ged a tha i air na h-uibhir de sheinn a dhèanamh aig cèilidhean agus cuirmean-ciùil, tha i nas toilichte ag obair air ceòl agus òrain còmhla ris a' chloinn anns an sgoil.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.