Bhuineadh Eleanor Farjeon do theaghlach de sgrìobhaichean Sasannach agus, chionns gu robh a fradharc dona agus a slàinte caran truagh na h-òige, fhuair i a h-oideachadh aig an taigh agus a' misneachadh gu bhith a' sgrìobhadh bho bha i na pàiste.
Ged a rinn i iomadh seòrsa sgrìobhaidh, nam measg libretto airson operetta, bàrdachd agus dealbhan-chluich, tha i gu h-àraidh ainmeil airson na sgeulachdan cloinne anns na leabhraichean Martin Pippin in the Apple Orchard (1921) agus Martin Pippin in the Daisy Field (1937).
An dèidh a' Chiad Chogaidh bha i a' cosnadh a bith-beò mar neach-naidheachd, mar bhàrd agus mar chraoladair. As na 1950an fhuair i trì duaisean airson litreachas agus chun an latha an-diugh bidh an Children's Book Circle a' toirt seachad duais na h-ainm. Am measg a caraidean bha sgrìobhaichean ainmeil leithid D. H. Lawrence, Walter de la Mare, Robert Frost agus Edward Thomas.
Sgrìobh i an laoidh Madainn th' air Èirigh ann an 1931 ris an fhonn Ghàidhlig Bunessan.
Fiosrachadh mun Fhonn
Chaidh am fonn Bunessan fhoillseachadh an toiseach ann an 1888 anns an leabhar Songs and Hymns of the Gael, le Lachlan MacBheathain.
'S e seann fhonn a th' ann ris an do chuir a' bhana-bhàrd Màiri NicDhùghaill (1784-1872), bean Nèill Dhòmhnallaich ann an Àrd Tunna am Muile, na facail air a bheil sinn fhathast cho eòlach an-diugh:
Leanabh an àigh, an leanabh aig Màiri
Rugadh san stàball, Rìgh nan Dùl;
Thàinig do'n fhàsach, dh'fhuiling nar n-àite
'Son iad an àireamh bhitheas dhà dlùth!
Ged a bhios leanabain aig rìghrean na talmhainn
An greadhnachas garbh is anabarr mùirn,
'S geàrr gus am falbh iad, 's fàsaidh iad anfhann,
An àilleachd 's an dealbh a' searg san ùir.
Cha b' ionann 's an t-Uan thàinig gur fuasgladh
Iriosal, stuama, ghluais e 'n tùs;
E naomh gun truailleachd, Cruithfhear an t-sluaigh,
Dh'èirich e suas le buaidh o ùir.
Leanabh an àigh, mar dh'aithris na fàidhean;
'S na h-àinglean àrd', b' e miann an sùl;
'S E 's airidh air gràdh 's air urram thoirt dhà
Sona an àireamh bhitheas dhà dlùth.
Rinneadh am fonn, agus na facail aig Eleanor Farjeon, ainmeil leis an t-seinneadair Cat Stevens ann an 1971.
Fiosrachadh mun t-Eadar-theangaiche: An t-Urr. Ruaraidh Dòmhnallach
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.