Èideard Pursell (Ìomhar MacSporain)

Rugadh Èideard Pursell, a bhiodh uaireannan a' cleachdadh Ìomhar MacSporain mar ainm pinn, ann an Ceann Loch Chille Chiarain ann an 1891. B' ann bho thaobh Loch Suibhne a thàinig a shinnsirean.

Fhuair e fhoghlam an Àrd-sgoil Ceann Loch Chille Chiarain agus an Oilthigh Ghlaschu. Chuir e seachad a' mhòr-chuid de làithean a' teagasg an Earra-Ghàidheal far an robh e na cheannard air bun-sgoiltean Dhail an Tobair agus Millknowe.

B' e Gàidhlig ionnsachadh a rinn e agus e na inbheach, ach cha b' fhada gus an robh e a' cosnadh dhuaisean ann a' farpaisean litreachais aig Mòdan.

Choisinn e Crùn na Bàrdachd ann an 1939, ged nach deach am Mòd sin a chumail ri linn mar a bhris an cogadh a-mach. B' e 'Moladh Màiri' a bh' air a' bhàrdachd aige:

Ged gheibhinn a ghràidh
Eich shrannach le sriantan òir
No luingeas air sàl
Ri m' àill a ghiùlan dhomh stòr,
B' e m' ulaidh-s' an rùn
Ad shùilean gu soilleir a' snàmh
A dhùisgeas as ùr
An ionndrainn chuir m' anam an sàs.

Bhiodh e cuideachd ri sgrìobhadh sgeulachdan ann an Gàidhlig is Beurla agus tha sreath de chartùnaichean leis rin lorg anns an iris Gairm, mar a tha bàrdachd leithid 'Ùrnaigh Leinibh'.

Tha mi lùbadh dhut mo ghlùin,
Tha mi togail dhut mo shùl,
'S fuar a nochd mo leabaidh-làir,
Tha mi 'g iarraidh nis do ghràidh.
Athair naomh tha coibhneil caomh
Càirich mis' nad bhreacan maoth.

Gaoth a' sèideadh thar an fhraoich,
Geugan lom na coill a' caoidh,
Feart nan dùl air muir is tìr
Oidhch' gu là cha chaidil mi.
Athair naomh tha coibhneil caomh
Càirich mis' nad bhreacan maoth.

Beannaich dhomh mo chainnt, mo ghnìomh,
Beannaich dhomh mo smuain, mo rian,
Na mo dhùsgadh, na mo shuain,
Dòirt a-nuas do sholas buan.
Athair naomh tha coibhneil caomh
Càirich mis' nad bhreacan maoth.

Còmhla ri Eòghainn Mac a' Phì sgrìobh Èideard Pursell ceithir sreathan de phrògraman rèidio 'Learning Gaelic' don BhBC. Air an lìbhrigeadh le Iain Mac Ille na Brataich agus Archie Hendry, chaidh an craobh sgaoileadh eadar 1949 agus 1951, le leabhrain nan cois.

Bhiodh Èideard cuideachd a' cur fhacail ri puirt pìoba agus fidhill, mar eisimpleir, 'An Fhaidhir Mhuileach' agus Tuireadh Iain Ruaidh.

Chaochail e ann an 1964.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.