Eàirdsidh Mac an t-Sagairt

Eàirdsidh Mac an t-Sagairt

Rugadh Eàirdsidh Mac an t-Sagairt ann an Glaschu air 24 Ògmhios, 1931. Bha a phàrantan le chèile à Ìle, athair, Eàirdsidh, à Bogha Mòr agus a mhàthair Màiri MacDuffie, à Bruach a' Chladaich.

Chaidh e do Bhun-sgoil Chamden air taobh a deas Ghlaschu ach, nuair a thòisich an cogadh, ghluais e fhèin agus a bhràthair, Islay, do dh'Ìle far an deach iad do Bhun-sgoil a' Ghortain ann am Bruach a' Chladaich, agus an dèidh sin do Sgoil Bhogha Mòr. Nuair a chaidh an t-sìth a ghairm thill na balaich a Ghlaschu agus chuir Eàirdsidh seachad na bliadhnaichean mu dheireadh de sgoilearachd ann an Strathbungo.

Bha ùidh mhòr aige ann am pìobaireachd, sgil a dh'ionnsaich e nuair a bha e anns an sgoil ann an Ìle agus chùm e ris fad a bheatha. Bha e na bhall de Chòmhlan Phìoba Comunn Clann MhicRath nuair a choisinn iad a' chiad àite ann an Co-fharpais na Cruinne ann an 1953.

Bha e cuideachd na bhall agus mu dheireadh na Mhàidsear Pìoba aig Pìobairean a' Chomuinn Ìlich. Bha e a' teagaisg Còmhlan Phìobairean Bhoireannach Chaledonia agus bha e na Mhàidsear Pìoba aig Còmhlan Smàladairean Shrath Chluaidh. An dèidh a dhreuchd a leigeil dheth, bha e na bhall agus na rùnaire aig Còmhlan Phìobairean Chinn Rois.

An dèidh an sgoil fhàgail thug Eàirdsidh a-mach a chiùird mar shaor. An dèidh Seirbheis Nàiseanta a dhèanamh, thill Eardsaidh gu saoirsneachd agus bha e ag obair aig Urras Chluaidh.

Mun àm seo cuideachd chaidh e na bhall de Chòisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu agus ann an 1958 phòs e Màiri NicCholla. Bha Màiri na ball den chòisir agus, ged a rugadh i ann an Glaschu, bhuineadh a màthair do dh'Èisdeal ann am Muile agus bha a h-athair à Maybole ann an Siorrach Àir. Bha dithis chlonne aca, Catrìona agus Niall.

Choisinn Eàirdsidh Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich aig a' Mhòd Naiseanta ann an Inbhir Nis, ann an 1966, agus bha e trang mar sheinneadair bhon uair sin. Bha e soirbheachail cuideachd ann am farpaisean cheathrar agus farpaisean seinn càraid aig a' Mhòd.

Bha e gu bitheanta a' seinn còmhla ri dheagh nàbaidh, Camshron MacFhitheachan. Rinn iad clàir còmhla agus nochd CD bhuapa dà bhliadhna mus do chaochail Eàirdsidh.

Bha e na bhall den chòmhlan Na h-Innes Gaels còmhla ri Calum Camshron agus Louis Stiùbhart agus bha iad air an cluinntinn gu tric air rèidio agus rim faicinn air an telebhisean air 'S e Ur Beatha.

Ann an 1969 chuir Eàirdsidh cùl ris an t-saorsainneachd agus chaidh e na mhanaidsear air Aitreabh nan Gàidheal, air Sràid Berkeley ann an Glaschu. Bha e anns an obair sin airson sia bliadhna gus an deach e na cheannard air Club Golf Phollok. Bha spèis mhòr aig na buill dha ged nach robh miann sam bith aige air a' ghèam air an robh iadsan cho dèidheil.

Leig e dheth a dhreuchd ann an 1996 agus chaidh e air ais na bhall de Chòisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu. B' e iar cheann-suidhe a' chòisir agus bha e a' seinn còmhla riutha, mar a bha Màiri, nuair a choisinn iad prìomh dhuais a' Mhòid, Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhàrdainn, ann an 1997 agus a-rithist ann an 2001.

Ann an 1996 chaidh iad a dh'fhuireach a Cheann Rois agus 's ann an sin a chaochail Eàirdsidh air 18 Ògmhios, 2003.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.