Dùghall MacPhàil

Dùghall MacPhàil

Rugadh Dùghall MacPhàil, a bhiodh a' sgrìobhadh fon t-ainm Muileach, ann an 1818 ann an Srath Caoil ri taobh Beinn Bhàirneach ann am paraiste Thorasaigh am Muile. Bha a dhaoine air a bhith nan tuathanaich an Gleann Forsa agus bha athair na thuathanach ann an Doire Chuilinn.

B' e saorsainneachd a' chiad cheàird a bha aig Dùghall ach ri ùine thug e mach a cheàird mar neach-tarraing. Chaidh e a dh'obair a Ghlaschu agus à sin dhan Chaisteal Nuadh an ceann a tuath Shasainn far an robh e nuair a sgrìobh e An t-Eilean Muileach, an t-òran as ainmeil a rinn e.

Bhuineadh a bhean do Auchenleck an Siorrachd Àir ach thogadh i am Muile, far an robh tuathanas aig a h-athair. Bha ochdnar a theaghlach aca, còig gillean agus triùir nigheanan.

Fhuair Dùghall obair mar ailtire agus mar chlàrc obraichean aig Diùc Westminster agus b' fheudar dha a theaghlach a ghluasad gu Shaftesbury ann an Dorset airson greis.

Thill e a dh'Alba, an toiseach a Dhùn Èideann agus mu dheireadh a Ghlaschu. Bhiodh e a' sgrìobhadh artaigilean do An Gàidheal, "pàipear-naidheachd agus leabhar-sgeòil" a bha ann aig an àm.

Chan eil teagamh nach ann airson a chuid òrain, gu h-àraidh An t-Eilean Muileach agus An Cluinn Thu Leannain, an Cluinn Thu a chumar cuimhne air.

Chaochail Dùghall MacPhàil ann am Partaig an Glaschu air 1 Samhain, 1887, agus chaidh a thiodhlacadh ann an cladh Old Monklands.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.