Dùghall Bochanan

Bha Dughall Bochanan na mhaighstir-sgoile an Ceann Loch Raineach, na cheisteir, na shearmonaiche, na eadar-theangaiche agus na bhàrd.

Bha Bochanan pòsta aig Mairead Brisbane, nighean do bhàillidh Iarla Lobhdainn, agus bha ochdnar chloinne aca.

Rugadh e ann an Àrdach ann an Srath Oighre ann an 1716. Chaochail a mhàthair nuair nach robh e ach beag, agus phòs athair a-rithist, nas lugha na bliadhna às dèidh sin.

Dh'fhàg e cunntas sgrìobhte air a' chiad 34 bliadhna de bheatha a tha ri leughadh san leabhar Buchanan, The Sacred Bard of the Scottish Highlands.

Mar a dh'innis Iain Dòmhnallach air prògram Gàidhlig a' BhBC air 3 Dùbhlachd, 1954, "Bha iomadh togail suas agus tuiteam sìos aige mun d' fhuair a chogais furtachd. Nuair a bhiodh e a' sgrìobhadh, bhiodh e aig uairean air a thoirt suas le iongnadh gràidh cho mòr 's nach b' urrainn dha nì sam bith a sgrìobhadh, agus, air àm eile, bhiodh e na thuil dheur."

Chan eil ach ochd de na dàin aig Bochanan air lorg an-diugh agus chaidh an cuir an clò an toiseach ann an 1767 nuair a bha e fhèin a' stiùireadh a' chiad eadar-theangachadh Gàidhlig den Tiomnadh Nuadh tron chlò.

Mar a thuirt an sgoilear Coinneach Dòmhnallach mu Bhochanan air a' phrògram Molam E, air BBC Radio nan Gàidheal air 18 Gearran, 2003, "Bha fìor chomas bàird aig Dùghall, ach a thuilleadh air sin bha foghlam Beurla aige agus dh'fhàg sin làrach shoilleir air a chuid dàin. Chuir e eòlas air obair cuid de bhàird chràbhach na Beurla, gu sònraichte Isaac Watts is Èideard Young an Sasainn, agus Raibeart Blàrach an Albainn. Bhuapa sin thog e cuspairean is smuaintean is, air uairean, briathran, ach chan fheumar smaoineachadh nach robh ann ach eadar-theangair.

Ann an Gàidhlig shiùbhlach chuir e a dhreach fhèin air gach cuspair a làimhsich e agus dh'ath-phlanntaich e gach smuain a thog e bho dhaoine eile ann an saoghal na Gàidhealtachd."

Agus ann an Gairm, Àireamh 148, sgrìobh An t-Ollamh Dòmhnall Meek a tha a' sgrìobhadh leabhar mu Bhochanan, "Tha fìor neart Bhochanain mar bhàrd, saoilidh mi, a' co-sheasamh anns an ealain a tha e a' cleachdadh. Nuair a thig e gu facail a chur ann an eagaibh a chèile, tha Bochanan a' tomhas meud, cudthrom is fuaim gach facail, mar fhear-ceàirde a' togail taighe le clachan.

Chan eil facal a bharrachd aige mar is trice; tha eadhon gach lideadh na pàirt den teachdaireachd. Tha a chuid ìomhaighean soilleir, faicsinneach agus air an deagh shnaidheadh.

Ma tha an taigh air a thogail air bunait duin' eile, chan eil sin ag ràdh nach eil e snasail, greadhnach agus Gàidhealach."

Tha an spèis a bha aig daoine do Bhochanan na latha fhèin soilleir as a' chunntas aig Iain Dòmhnallach air mar a thachair nuair a chaochail Bochanan anns a' bhliadhna 1768, aig aois 52.

"Nuair a chual' iad sgeul a' bhàis thog prasgan de dhaoine Chalasraid is Srath Oighre orra gu Ceann Loch Raineach a chùm a chorp a thoirt dhachaigh gu cladh athraichean.

Cha robh sin cho furasta 's a bha iad an dùil. Thug sluagh Raineach uiread de dh'urram dha. Rinn a chaitheamh-beatha 's a theagasg a leithid de ath-leasachadh air am beus, 's air an gluasad, 's gun do chuir iad romhpa gum biodh e air a thìodhlacadh nam measg fhèin ann an Raineach.

Bha an dà bhuidheann an impis a dhol an amhaichean a chèile. Bha a' chùis a' coimhead gruamach, luchd Chalasraid rùn-shuidhichte gum biodh corp a' bhàird aca, 's luchd Raineach nach biodh.

Mu dheireadh an dèidh do fhir Raineach ath-smuaineachadh air ciùineachd agus caomhalachd an diadhair urramaich a bha air an ceann fad chòig bliadhna deug, air a ghiùlan nam measg, 's air a theagasg; ar a fhuair e air bheag eòlais is oilean iad, is a dh'fhàg e iad rianail is càirdeil, chuir iad an cinn ri chèile 's dh'aontaich iad.

Leig iad le fir Chalasraid corp an duine chaoimh a thoirt leotha."

Chaidh Dùghall Bochanan a thiodhlacadh ann an Seipeal Chlann Bhochanan ann an àite ris an cante Leanaidh Beag, air iomall Chalasraid. Tha e dlùth air an abhainn, mu cheud slat bho far a bheil uisgeachan abhainn Leanaidh a' coinneachadh Eas a' Ghobhainn.

Mun bhliadhna 1925 thog Comann Gàidhlig Chalasraid, fo stiùireadh a' Chinn-suidhe aca, Iain Dòmhnallach, airgead airson ballachan an t-Seipeal a chàradh agus clach-cuimhne a chuir os cionn uaigh a' bhàird. Chaidh a dealbhadh le snaigheadair ainmeil, Pittendrigh Mac Ille Bhrath agus chaidh an ceathramh seo à 'Laoidh na h-Ùrnaigh' aig Bochanan a ghearradh innte:

An fhuil a dhìol do cheartas teann
'S a dhòirteadh air a' chrann gu làr;
'S ann aisd' tha m' earbsa, O mo Rìgh,
Nach dìt thu m' anam air a sgath.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.