Donnchadh 'Mòr' Friseal

Tha an t-Urr. Mac na Ceàrdaich ag innse gur ann de mhuinntir Bhàideanach a bha Donnchadh Friseal agus gur e Am Breabadair Mòr a theirte ris am bitheantas. Cha robh ann ach duine bochd, agus bhiodh e glè thric a' siubhal feadh na dùthcha.

Bha e beò sa bhliadhna 1832 agus bha e an uair sin còrr is trì fichead.

Tha Mac na Ceàrdaich ag ràdh, "Dh'fhaodadh Ealag Chamaran a bhith na chomain air son an òrain a rinn e oirre."

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.