Bhuineadh Donnchadh Mac Ille Ruaidh don Chlachan an Cinn Tìre. Sin far an d' rugadh e ann an 1849, agus far an deach e don sgoil.
A' bruidhinn mu dheidhinn air prògram Gàidhlig a' BhBC air 01/09/1955, thuirt rùnaire a' Chomuinn Ghàidhealaich, Niall Mac Ille Sheathanaich:
"Leig e ris glè òg gu robh eanchainn agus inntinn gheur aige, agus, aig ceann an rèis àbhaisteach anns an sgoil, thugadh àite dha a chuideachadh leis a' Mhaighstir-sgoile. Mhair seo fad còig bliadhna."
Ged a ghluais Donnchadh an toiseach gu Grianaig agus an uair sin gu Baile Bhòid, nuair a bha e 20 bliadhna dh'aois, b' ann an Glaschu a chur e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha. Fad iomadh bliadhna bha e na àrd chlèireach agus na neach-cunntais aig na marsantan fiodha, George Halliday Ltd.
Bha Donnchadh am measg na buidhne a stèidhich An Comunn Gàidhealach agus bha e na bhall den Àrd Chomhairle fad iomadh bliadhna.
Ghabh Bòrd Sgoiltean Ghlaschu ealla ri chomasan mar neach-teagasg agus thug iad dha dreuchd a' teagasg nan clasaichean oidhche Gàidhlig a bha gan cumail an Àrd-sgoil Ghlaschu, obair a rinn e gu dealasach airson 16 bliadhna.
Ann an 1894, stèidhich e fhèin agus is a chuid oileanaich buidheann air an tug iad an t-ainm, Cèilidh Ghàidhlig Àrd-sgoil Ghlaschu:
"Bha e fhèin na Cheann-suidhe air a' Chèilidh rè ochd bliadhna agus, bhon àm sin gu latha a' bhàis, na Cheann-suidhe Urramach. B' e rian na Cèilidh gum biodh fìor thoiseach na h-oidhche air a chur air leth airson teagasg Gàidhlig, agus na dhèidh sin òraid air cuspair a bhiodh a' co-fhreagairt do riaghailtean suidhichte na Cèilidh.
An dèidh an sgrùdaidh bhiodh òrain Ghàidhlig air an seinn. Bha an dà chuid Gàidhlig is Beurla air an cleachdadh le luchd-labhairt agus b' e an t-adhbhar airson sin gu robh mòran de na buill nach robh ach ag ionnsachadh Gàidhlig."
Mar a sgrìobh Dòmhnall Currie san Deò Grèine (Leabhar VII), mìosachan a' Chomuinn Ghàidhealaich, agus an iris air an robh Donnchadh fhèin na fhear-deasachaidh fad nan trì bliadhna mu dheireadh de bheatha:
"To Mr Reid is due the credit of giving to the word cèilidh the larger and popular significance which it now enjoys."
Sgrìobh Donnchadh grunn leabhraichean airson luchd-ionnsachaidh a chuideachadh agus tha A Course of Gaelic Grammar (1895) agus Elementary Course of Gaelic (1908) air an cleachdadh le cuid fhathast.
A rèir Nèill Mhic Ille Sheathanaich:
"Bha alt sònraichte aig Donnchadh Mac Ille Ruaidh air teagasg Gàidhlig. Tha iadsan a thàinig fo bhuaidh a theagaisg ag innseadh gu robh na duilgheadasan a tha luchd-ionnsachaidh cànain ùir a' faireachdainn cho soilleir dha is ged a b' e a togail mar choigreach a rinn e fhèin. Comharra an t-sàr fhear-teagaisg, agus tha sin air a dhearbhadh anns na leabhraichean a sgrìobh e."
Bha Donnchadh na bhàrd agus bha ùidh mhòr aige ann an litreachas:
"Bha e mion eòlach air litreachas na Gàidhlig, gu h-àraidh na bàird, agus dhiubh sin b' e Donnchadh Bàn a bu rogha leis. Dh'eadar-theangaich e gu Beurla Òran Coire Cheathaich agus Moladh Beinn Dòbhrain.
Cha sgìthicheadh e ann a bhith a' leughadh agus ag aithris oibrichean a' bhàird ainmeil seo. B' iomadh sgrìobhaiche Gàidhlig a bha fo mhòr chomain da airson a chomhairle agus a theòireachaidh ann an cleachdadh briathran snasail agus gnathasan-cainnte."
Chaochail Donnchadh Mac Ille Ruaidh ann an Glaschu air 7 Gearran, 1912, aig aois 63. Chrìochnaich Dòmhnall Currie an t-iomradh-bàis aige le na facail:
"Bu duine e cho suairce, sìobhalta, coibhneil, còir 's a chaidh àrach riamh an Tìr nam Beann agus bu Ghàidheal e a bha daonnan dìleas da dhùthaich agus dìleas da cànain."
Thug am Bàrd Sgitheanach, Niall MacLeòid, urram dha mar:
Caraid dìleas Tìr nam Beann
A chumadh suas i fèin 's a clann,
A ceòl a bàrdachd is a cliù;
'S a' Ghàidhlig aosta, cheòlmhor, binn
Chaill thusa gaisgeach treun nach till;
Bha aignidhean de dh' ionmhas làn
'S bu tric a dhearbh e sin do chàch.
Am measg nan òran a sgrìobh Donnchadh Mac Ille Ruaidh tha òran brosnachaidh a' Chomuinn Ghàidhealaich, Suas Leis a' Ghàidhlig.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.