Rugadh Donnchadh MacIain air 20 Lùnastal, 1881 ann an Lag a' Mhuilinn an Ìle.
A rèir aithris air prògram Gàidhlig a' BhBC air 29 Dàmhair, 1936:
"Bhuineadh athair don Ros Mhuileach ach air son sin b' Ìleach athair athar, agus b' ann de Chlann Iain e, a bha nam pìobairean aig Dòmhnallaich Ìle. Air làmh seo bu dual do Dhonnchadh ceòl a bhith na chuislean. Ach a thuilleadh air a' sin, bha a mhàthair càirdeach do Dhùghall MacPhàil a sgrìobh òran an àigh, An t-Eilean Muileach.
Mar bhalach bha e air oideachadh ann an trì sgoiltean – sgoil oidhche nam bodach, sgoil là na sgìre agus sgoil nan raon 's nam bruach.
Bha e na dheagh sgoilear agus nan robh e air an cothrom fhaighinn bhiodh e air a dhol astar fada mar fhoghlamaiche. Ach cha robh sin an dàn. B' èiginn dha an Àrd Bheag fhàgail agus aghaidh a chur air obair maille ri athair, a ghabh os làimh sgrìob de rathad mòr an Rìgh a chumail an òrdugh.
Thug seo do Dhonnchadh cothrom air luchd-falbh an rathaid a choinneachadh agus air iomadh seann sgeul a chruinneachadh. Agus a-muigh am fradharc a' mhonaidh, thòisich mo laochan air rainn a chur ri chèile, is air òrain a chur air fonn, ach an toiseach cha robh fios aig mòran cò bha ris a' bhàrdachd ùr."
Ach cha deach aig Donnchadh air a thàlant a chleith.
"Cò thàinig a' rathad agus a chuala a bhàrdachd, agus a thuig cho math agus a bha i, ach Niall MacLeòid, am bàrd Sgitheanach. Air ball rinn e air Donnchadh agus, nuair a thàinig e, 's ann a theab e a dhochann mur do rinn e sin, airson gu robh e a' cumail am falach an tiodhlac a fhuair e.
Arsa Niall ris, "Tha spiorad na bàrdachd agad. Feuch nach leig thu leis meirgeadh!"
Agus anns an dealachadh thuirt e ris, "Chan eil fhios agam nach tu a sgrìobhas mo mharbhrann fhìn fhathast."
Agus mar a thachair sgrìobh Donnchadh MacIain 'Cumha Nèill MhicLeòid' nuair a chaochail am bàrd.
Air fraoch bheannaibh stùcadh
Cluinn giucal a' bhròin,
'S a' ghaoth mhòr a' diùltainn
A ghiùlain le deòin;
Ghuil caointeach gu tùrsach,
Sguir buileach na h-eòin
'S thaom Cuiltheann nan Sruthan
Fo churrachd den cheò.
Phòs Donnchadh MacIain anns a' bhliadhna a thòisich an cogadh agus b' ann nuair a dh'fhàg e a bhean ann an Ìle airson aghaidh a chuir air raointean a' bhlàir a sgrìobh e Sìne Bhàn.
Bha e anns an Ochdamh Argyll and Sutherland Highlanders fo Chaiptean Alasdair MacArtair à Inbhir Aora. B' ann nuair a thuit MacArtair sa bhlàr a sgrìobh Donnchadh 'Cumha Alasdair', ach an dèidh a mhilleadh le gas thàinig air tilleadh dhachaigh an 1916.
Dh'fhàg e Ìle sa bhliadhna 1918 agus bha e ag obair ann an Oilthigh Ghlaschu, ann an Roinn nam Feallsanachd Nàdarra, gus an do leig e dheth a dhreuchd an 1945.
Chaidh a chrùnadh mar Bhàrd leis a' Chomunn Gàidhealach aig Mòd Pheairt an 1929. B' e 'A' Ghealach' cuspair na bàrdachd a choisinn an Crùn dha.
Bha ùidh mhòr aige ann an eachdraidh agus ann an dualchas mar a chithear bho chuspairean cuid de an h-òrain aige.
Air prògram Gàidhlig a' BhBC air 1 Cèitean, 1947, thuirt a charaid Iain Mac a' Phì agus e a' bruidhinn air an t-òran A' Bhanarach Chaoin:
"Nach aidich sinn uile gu bheil sinn gu mòr na chomain airson mar a chùm e air mhaireann dhuinn an earrann thiamhaidh sin de cheòl drùidhteach Pìobaireachd Fhalaich Chloinn Aoidh ... rinn e sin le briathran sìmplidh a tha co-fhreagairt àilleachd a' chiùil. Mur a biodh ar caraid air gabhail ris an fhonn mar a chuala e e bho na seann daoine, bha a' chuid seo den phìobaireachd anns an duslach maille riutha-san dam b' aithne a dhìomhaireachd".
Tha grunn math de dh'òrain Dhonnchaidh air an seinn fhathast, nam measg Bìrlinn Cholla Chiotaich, A' Bhanarach Chaoin, Am Bàta Rannach, Càrn air a' Mhonadh agus Birlinn Ghoraidh Chròbhain.
Chaochail e ann an 1947, agus tha e air a thiodhlacadh an Cladh Chill Neachdain ann an Ìle.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.