
Rugadh Donnchadh Dodd, mac Dhòmhnaill Greumach, aig 39 Tolastadh bho Thuath ann an Leòdhas air 16 Dàmhair, 1910. B' i Màiri Young à Baile an Truiseil a mhàthair agus bha naoidhnear anns an teaghlach, seachdnar bhalach agus dithis nighean. Chaidh Donnchadh dhan sgoil mhòir ann an Tolastadh gus an robh e còig-deug.
Phòs e Anna Dhòmhnallach, Anna Phuilleam, à Tolastadh bho Thuath ann an 1942 agus bha dithis nighean aca, Cairistìona Anna agus Mairead Màiri, agus aon bhalach, Donnchadh.
Thòisich Donnchadh Dodd a' dèanamh bàrdachd nuair a bha e òg, agus cha robh e sàbhailte uaireannan a bhith na chuideachd, oir bha e cho furasta dha rann no dhà a chur ri chèile ann an tiotan mu dhuine sam bith. Rinn e a' chiad òran nuair a bha e mu shia neo seachd bliadhna deug mu fhear a bhiodh a' dol a-mach a dh'iasgach còmhla ris agus a bhiodh a' togail nan comharraidhean iùil bho chaoraich air cliathaich na beinne, rud nach robh gu mòran feum nuair a ghluaiseadh na caoraich.
B' e Òran a' Phort Sydney an darna òran a rinn e agus e air an t-slighe a-mach gu Sealan Nuadh. Bha am bosun Èireannach a bha os an cionn uamhasach dona dhaibh agus tha an t-òran ag innse mar a chaidh dèiligeadh ris.
Aig àm a' chogaidh 's e RNR (Royal Naval Reserve) a bh' ann an Donnchadh, agus bha e air an long-chogaidh, HMS Hector. 'S ann anns a' Mhuir Dhearg a bha e nuair a rinn e òran ag innse cho beag tlachd 's a bh' aige a bhith air bòrd an t-soithich seo.
A' chiad latha chaidh mi air bòrd
Chunnaic mi nì rium nach do chòrd,
Fear le bugle ri gach còs
Is fear òg ri sèideadh feadaig rium.
Bha e anns a' Chuan Innseanach cuideachd tron chogadh.
Cha robh taighean ann dhaibh nuair a thill iad dhachaigh an dèidh a' chogaidh, agus thàinig air fhèin agus feadhainn eile campa a bh' aig a' Chabhlaich Rìoghail anns a' Ghearraidh Chruaidh ann an Steòrnabhagh a ghabhail thairis. Rinn e 'Òran a' Ghearraidh Chruaidh' air a' chuspair sin. Chaidh taighean a thogail dhaibh an uair sin ann am Plasterfield, agus sin far na chuir e seachad an còrr dhe bheatha.
An dèidh a' chogaidh, bha e ag obair aig companaidhean togalaich mar Halls, agus bha e cuideachd air tìr-mòr aig sgeama Hydro. 'S ann aig an àm sin a rinn e an t-òran 'Stafford is MacPhàidein'.
Chaidh Donnchadh a dh'obair na dhocair aig Cidhe Steòrnabhaigh aig toiseach na trì ficheadan. Aig amannan cha robh obair a' dol mun chidhe agus bhiodh e a' dèanamh beagan obrach aig leithid Theàrlaich MhicLeòid, Charlie Barley, am bùidsear.
Bha na h-òrain a' tighinn thuige gu nàdarra ach cha robh e idir gan sgrìobhadh sìos, dìreach gan cumail na chuimhne.
Bha e dèidheil air a bhith ag iasgach, air muir agus air loch, agus bha pìos fearainn aige air cùl an taighe far am biodh e cur iomadh seòrsa glasraich.
Chaochail Donnchadh air 8 Faoilleach, 1989.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.