Donnchadh Cuimeanach

Ann an òraid a thug Pòl Camshron à Blàr Athaill do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis air 4 Màrt, 1891, dh'innis e gur e "Donnacha Cuimeanach, Mac a' Chuimeanaich Mhòir à Camghouran an Raineach" ùghdair an òrain, Eala nan Cuaintean. Tha Camghouran mu sheachd mìle an iar air Ceann Loch Raineach.

Thuirt Pòl Camshron: "Rugadh Donnacha seo mun bhliadhna 1778. Phòs e Flòraidh Chamshron, nighean Aonghais mhic Dhòmhnaill mhic Dhonnacha; agus bha aca 'theaghlach mun d' fhalbh iad do Ameireagaidh mu 1882, Iain, Seumas agus Iseabail. Chaidh an t-òran a dhèanamh do Pheigidh Chamshron, nighean Iain Chamshroin, san Taigh-Mhòr an Camghouran shuas."

Tha aon cheathramh dhen t-òran air a dhol cha mhòr na sheanfhacal mu rudan nach gabh an dèanamh:

Grèim air eàrr air a' bhradan,
No air chois deiridh air fiadh,
No air sgèith muice-mara,
'S gum bu sleamhainn i riamh;
Grèim air chliathaich air loingeas,
'S ceart co-ionnan an gnìomh,
Is air làmh na h-ùr chailin
Bha gam mhealladh seachd bliadhn'.

Mar a thuirt Ceana Chaimbeul a thagh an t-òran, "Mar a chluinneas tu ag èisteachd an òrain, cha do phòs e i seo idir, oir bhrist i na geallaidhean a thug i dha, agus 's e an àmhghair inntinn agus a' leòn cridhe a rinn a' mealladh sin air Donnchadh Cuimeanach a thug air an t-òran barraichte seo a dhèanamh.

Tha beartas cainnt, agus doimhneachd faireachaidh, anns an t-òran seo nach cluinnear ach ainneamh a shamhail ann am Beurla no an Gàidhlig."

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.