Rugadh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir ann an Druimliaghairt, an Gleann Urchaidh, ann an 1724. Cha d' fhuair e foghlam foirmeil de sheòrsa sam bith, mar a mhìnich Iain Mac a' Ghobhainn, 's e a' sgrìobhadh mu bhàrdachd Dhonnchaidh Bhàin anns an iris Gairm 118 (Earrach, 1982)
"Bha dhachaigh ann an Gleann Urchaidh, mu chòig mìle deug bhon sgoil a b' fhaisge ann an Dàil Mhàilidh, agus chuir an t-astar seo bacadh cho mòr air 's nach do dh'ionnsaich e riamh sgrìobhadh no leughadh, ged a bu chòir cuimhne a bhith againn gu robh mòran dhàin is eile air bilean an t-sluaigh; agus seach gu robh cuimhne làidir aige tha e cinnteach gun do dheoghal e às na sruthan sin."
Thug Donnchadh a' chiad phàirt dhe bheatha ag obair mar fhorsair aig Morair Bhràghad Albainn, a' siubhal nam beanntan 's nam monaidhean timcheall air Beinn Dòbhrain agus Coire Cheathaich, àitichean a rinn e ainmeil tro chuid òrain.
An t-urram thar gach beinn
Aig Beinn Dòbhrain
> De na chunnaic mi fon ghrèin
'S i bu bhòidhche leam
Monadh fad rèidh
Cuilidh 'm faighte fèidh
Soilleireachd an t-slèibh
Bha mi sònrachadh.
B' ann fhad 's a bha e ag obair mar fhorsair a phòs e Màiri Nic an t-Saoir, Màiri Bhàn Òg, agus bha co-dhiù ceathrar chloinne aca.
Ann am Bliadhna Theàrlaich, bha Donnchadh Bàn a' sabaid air taobh an riaghaltais agus Rìgh Deòrsa, ged tha e follaiseach bhon dà òran a rinn e air Blàr na h-Eaglaise Brice nach robh a chridhe san oidhirp.
Ann an 1766, ghluais e fhèin agus Màiri Bhàn Òg a Dhùn Èideann, 's e air obair fhaighinn ann am Freiceadan a' Bhaile, buidheann as an robh mòran Ghàidheil. Le cuideachadh bhon Urr. Dòmhnall MacNeacail ann a' Lios Mòr, agus bho mhinisteir eile, an t-Urr. Iain Stiùbhart ann an Lus, chaidh a' chiad chruinneachadh dhen bhàrdachd aige fhoillseachadh ann an Dùn Èideann ann an 1768. Bha fèill mhòr air.
Ach a bharrachd air a bhith bòidheach, tha e coltach gu robh Màiri Bhàn Òg anabarrach sgileil air uisge-beatha a staileadh agus bha i fhèin is Donnchadh a' dèanamh uisge-beatha agus ga reic anns a' chidsin a bh' aca anns a' Lawnmarket an Dùn Èideann, obair a dh'fhàg Donnchadh Bàn sa chùirt, a' freagairt chasaid gu robh e a' briseadh an lagh. Dh'innis e gu robh e air barrachd uisge beatha òl na bha e air a dhèanamh agus fhuair e às leis.
Ann an 1793, chaidh e na shaighdear do Rèiseamaid Bhràghaid Albainn, agus dh'fhuirich e leotha gu 1799 nuair a thill e air ais a Dhùn Èideann. Bha e ann a' Freiceadan a' Bhaile bhon uair sin gus na leig e dheth a dhreuchd ann an 1806.
'S ann airson a bhàrdachd nàdair gu h-àraidh a tha Donnchadh Bàn ainmeil, ged a rinn e bàrdachd agus òrain air iomadh cuspair eile, poilitigs, cogadh agus gaol nam measg. Mar a tha Mac a' Ghobhainn ag ràdh mu Mholadh Beinn Dòbhrain:
"Bho thoiseach na bàrdachd tha sinn a' faireachdainn gaoth ùr mhear a' lìonadh a shiùil, tha a thàlantan gu lèir mar bhàrd ag obrachadh gu ciùin rèidh ... Tha fonn prìseil anns a' bhàrdachd. Tha gaol mar bholtrach air a feadh ... Tha fhios aig Donnchadh Ban co air a tha e a' bruidhinn agus tha toileachas inntinn aige a bhith a' bruidhinn air. Tha an ceòl nàdarrach ged tha e sgileil; tha e sunndach, luath, cridheil. 'S e seo bàrdachd a rinn bàrd aig a bheil cumhachd iomlan air a' chuspair.
Agus tha Mac a' Ghobhainn a' crìochnachadh a mheasadh air Donnchadh Bàn:
"Bha Beinn Dòbhrain mar ionnsramaid ciùil dha. 'S ann an sin a dh'ionnsaich e mu dheidhinn an t-saoghail - mar bhàrd – agus chuir e sìos na chunnaic e 's na dh'ionnsaich e le gaol is toileachas.
Mar a bha Dublin do James Joyce, mar a bha Alba gu lèir do dh'Ùisdean MacDhiarmaid, bha a' bheinn seo do Dhonnchadh Bàn. Dh'fhàg e a chridhe ann. 'S ann às a dh'èirich a bhàrdachd ... Rinn an dùthaich ud bàrd mòr de fhear aig an robh gibhtean cainnte ach a dh'fheumadh an gaol ionnsachadh bho nàdar fhèin."
Tha dealbh dhen bhàrd mar a chunnacas e le ministeir a bha an Àrasaig, an t-Urr. MacCalum, ri fhaighinn anns an leabhar Sàr Obair nam Bàrd Gaelach.
"He was dressed in the Highland garb, with a checked bonnet over which a large bushy tail of a wild animal hung; a badger's skin fastened by a belt in front, a hanger by his side and a soldier's wallet was strapped to his shoulders."
Agus dh'innis an t-Urr. Iain Mac an t-Saoir mar a chunnaic e fhèin Donnchadh Ban agus a bhean:
"Duncan Bàn was then an old man of eighty years, but stalwart still, hale and hearty. He was dressed in full Highland costume. Màiri Bhàn Òg wore a most becoming and beautiful scarlet mantle of fine cloth. She appeared so gentle and amiable and retained much of that personal beauty which the bard so happily and sweetly described."
Bha e air innse gun d' thuirt cuideigin ri Donnchadh uair nach robh Màiri cho bòidheach 's a bha e a' cumail a-mach san òran. Fhreagair Donnchadh, "Chan fhaca tusa i leis na sùilean agamsa."
Chaochail Donnchadh Bàn ann an Dùn Èideann ann an 1812, agus tha e air a thiodhlacadh ann an cladh Eaglais nam Manach Liath.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.