Donna Mhoireach

Donna Mhoireach

Rugadh Donna Mhoireach air 15 Iuchar, 1983, nighean le Calum Iain Nèill, Kim à Tung, Leòdhas agus Criosaidh NicDhùghaill, Criosaidh Dhòmhnaill Dhonnchaidh, à Malacleit, Uibhist a Tuath.

Chaidh i do Bhun-sgoil Thung, an uair sin do Sgoil a' Bhac agus an dèidh sin do Sgoil MhicNeacail ann a' Steòrnabhagh. An dèidh na sgoile fhàgail chaidh i do dh'Oilthigh Ghlaschu far an do rinn i cùrsa ann am Malairt is Rianachd agus cheumnaich i le Urram ann an 2005.

Fhuair i teisteanas airson teagaisg bun-sgoile ann an Colaiste Choc Iòrdan agus rinn i a trèanadh agus bliadhna obrach ann an sgoiltean timcheall Ghlaschu.

Thill Donna dhachaigh a Leòdhas ann an 2007 agus tha i air a bhith ag obair ann an Bun-sgoil a' Bhac bhon uair sin.

Choisinn i am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig a' Mhòd Nàiseanta ann an Steòrnabhagh ann an 2001. Chan eil i a' dèanamh mòran seinn na h-aonar a-nise, dìreach corra uair aig cèilidhean, ach tha i na ball de Chòisir Ghàidhlig Thung.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.