Rugadh Donella NicLeòid ann an Steòrnabhagh air 3 Dàmhair, 1963. Ged a bha dachaigh an teaghlaich ann an Glaschu aig an àm, thill a màthair, Anna NicÌomhair, Anna a' Phrovost à Breascleit, dhan eilean aig àm a h-aiseid gus dèanamh cinnteach gur e Leòdhasach a bhiodh sa phàiste.
Bha athair Donella, Niall MacLeòid, Niall Dhùghaill à Tolastadh a' Chaolais, na oifigear ann an seirbheis nam prìosan agus bha e ag obair am Barlinnie aig an àm. Tha dithis nighean eile san teaghlach, Chrisann agus Kenna a tha nas sine na Donella. B' e Gàidhlig cainnt na dachaigh.
Ri linn an obair a bha aig Niall, dh'fheumadh an teaghlach gluasad bho àm gu àm. Le sin, rinn Donella bliadhna sa bhun-sgoil ann an Riddrie agus bliadhna ann am Bishopbriggs, mus do stèidhich iad an dachaigh san Eaglais Bhreac.
Nuair a dh'fhàg i an sgoil thòisich i ag obair mar rùnaire ach, an ceann beagan ùine, fhuair i obair mar oifigear conaltraidh còmhla ri feachd phoilis Meadhan Alba. An uair sin lean i a h-athair agus tha i air a bhith ag obair do sheirbheis nam prìosan airson 22 bliadhna.
Nuair a bha i a' fàs suas anns an Eaglais Bhreac bha cèilidh sa bhaile uair sa mhìos agus b' àbhaist dhaibh a bhith a' dol ann mar theaghlach. Aon uair thurchair gu robh Còisir Òg na h-Eaglaise Brice a' seinn ann agus shaoil Donella gun còrdadh e rithe a bhith seinn còmhla riutha. Rinn i sin, agus 's ann an dèidh greis a thoirt a' seinn sa chòisir a fhuair i misneachd airson seinn leatha fhèin.
'S ann ann am farpais airson òigridh aois 10-12 a sheinn i an toiseach leatha fhèin aig Mòd agus tha cuimhne mhath aice gur e An t-Eilean Muileach an t-òran a ghabh i.
Thug i iomadh bliadhna a' seinn aig Mòdan Ionadail agus Nàiseanta, ann an còisirean, leatha fhèin agus mar aon de chàraid. Thug i cuideachd greis a' stiùireadh Coisir Òg na h-Eaglaise Brice.
Chan eil Donella a' seinn an-diugh ach am broinn an taighe a-mhàin. Tha i pòsta agus tha a dithis chloinne, Niall a tha 11 agus Anna a tha 10, agus obair làn-ùine, ga cumail trang.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.