
Thogadh Donaidh Large Dòmhnallach an toiseach ann am baile beag Sgiogarstaidh an Nis, Leòdhas, far an robh a mhàthair Cairistìona NicDhòmhnaill (Cairistìona Drogaidh) na tidsear. B' ann às an Rubha a bha athair, Niall a' Chaimainn, agus ghluais an teaghlach a Phabail Uarach nuair a bha Donaidh na dheugaire. Tha aon bhràthair aige, Niall Iain, a tha a' fuireach ann an Leòdhas.
Chaidh Donaidh do sgoil Sgiogarstaidh airson còig bliadhna, agus thug e dà bhliadhna ann a' Sgoil Lìonail mus deach e gu Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh ann an 1964. Aig an ìre seo thàinig air taghadh a dhèanamh eadar Laideann agus Gàidhlig agus b' ann an dèidh dha Gàidhlig a thaghadh a thuig e nach b' urrainn dha an cànan a sgrìobhadh no leughadh. Ach tha e thairis air an duilgheadas sin an-diugh!
Fhad 's a bha e ann an Sgoil MhicNeacail, fhuair e fhèin agus a bhràthair cothrom a dhol gu campa Comunn na h-Òigridh ann an Inbhir Nis. Thug seo buaidh mhaireannach air agus tha cuid de na caraidean a rinn e an sin fhathast nan deagh charaidean aige.
Na dheugaire anns na 60an, ghabh e ùidh ann an ceòl agus dh'ionnsaich e dha fhèin am piano accordion agus an giotàr a chluich. Còmhla ri Kenny Murdo MacLeòid às an Àird agus feadhainn eile, stèidhich e a' Hebridean Dance Band. Thug seo dhaibh cothrom òrain a ghabhail, a' mhòr-chuid aca ann an nòs Country and Western, agus cha b' fhada gus an robh Donaidh agus Nissan, mac Hoddan Dòmhnallach, agus fear air an robh Johnnie Dol a' seinn aig dannsan air feadh an eilein.
Mun àm seo cuideachd, is e gu mòr fo bhuaidh Addie Harper a bha cluich ann an Còmhlan Ciùil Inbhir Ùige, cheannaich e agus dh'ionnsaich e tenor banjo a chluich.
Ghluais Donaidh a Ghlaschu airson trì bliadhna a dhèanamh ann an Colaiste Chnoc Iòrdan, ag ionnsachadh a bhith na thidsear eacarsaich agus spòrs. An dèidh ceumnachadh thug e trì bliadhna a' teagasg ann an sgoiltean Siorrachd Rinn Friù. Bhon bhliadhna 1974, bha e trang a' seinn agus a' cluich ann an taighean-seinnse Gàidhealach Ghlaschu, tric còmhla ri leithid Calum Pye Mac Ille Mhoire, Daibhidh Moireasdan, agus Clem MacCoinnich à Inbhir Ùige. Ach cha robh Donaidh a' seinn ach ann am Beurla a-mhàin.
An aon bhliadhna sin, 1974, tha cuimhne aige a bhith a' siubhal air trèana còmhla ri Leslie MacColl, agus na seinneadairean Aonghas MacLeòid agus Dòmhnall MacRath, 's iad a' dol a sheinn dhan Chalton Tavern an Inbhir Nis. Nan cuideachd, thuig e an uireasbhaidh a bh' air fhèin a thaobh òrain Ghàidhlig.
Chuir e fòn gu mhàthair, agus fios aige gu robh i air a bhith sgrìobhadh pìosan bàrdachd a dh'aithriseadh sgoilearan Sgoil Sgiogarstaidh aig Mòdan Leòdhais. B' e buil seo gun do chuir i ochd pìosan thuige tron phost. Cha robh aige a-nis ach ceòl a chuir riutha, rud a rinn e. Chòrd na h-òrain ùra seo gu mòr ri luchd-èisteachd agus b' iad cnàimh-droma an dà LP a rinn Donaidh còmhla ris a' chompanaidh Liosmor, agus an iomadh prògram telebhisean agus rèidio air na nochd e.
Leig e dheth a dhreuchd mar thidsear agus thòisich e a' dèanamh a bhith-beò mar neach-ciùil. Thug e an ath sheachd bliadhna a' siubhal air feadh Alba agus ann an Lochlainn agus an cuid a dhùthchannan eile na Roinn Eòrpa. Phòs e Iseabail NicChoinnich ann an 1976. Bha iad còmhla gu 1983 agus bha an dachaigh an Cille Bhrìde an Ear.
Anns an Ògmhios 1983, fhuair Donaidh cuireadh a dhol a dh'obair ann an Long Beach, California, fad an t-samhraidh sin, agus tha e fhathast an California. Fon ainm Men of Worth tha e a' seinn agus a' cluich còmhla ri Èireannach, James Keigher. Tha iad a' cluich aig consairtean agus aig cruinneachaidhean foghlaim air feadh nan Stàitean agus bidh iad a' toirt luchd-turais à Ameireagaidh air chuairt a dh'Alba agus a dh'Èirinn. Tha Donaidh cuideachd a' teagasg Gàidhlig gach mìos do bhuidheann oileanach, agus tha e air a chumail trang a' freagairt cheistean a thaobh na Gàidhlig a tha a' tighinn thuige air post-dealain.
Ann an 1992 ghluais e gu ruige Citrus Heights, faisg air Sacramento, an sgìre às a bheil a bhean, Phyllis. Tha an nighean aca, Fiona, a-nis còig bliadhna deug.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.