Dòmhnall 'Ruadh' Dòmhnallach

B' ann às a' Leth Mheadhanaich an Uibhist a Deas a bha Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall mac Dhòmhnaill Ruaidh. Bha fearann aige far a bheil 363 Leth Mheadhanach an-diugh, agus ghluais e gu ruige Bòrnais airson a dhol a dh'obair air ceilp. Ann an 'Òran na h-Ìmprig' nochd e nach b' ann gu toileach a rinn e an gluasad:

Man tog mi mo thaighean suas
Air cnocan fuar am Bòrnais;
Man tog mi m' àtha 's sabhal ma cheann
'S mas buain mi ann a' mhòine.

Cha robh fiù 's a chù air a dhòigh:

Nuair a chunnaic e 'n t-àite bh' ann
Nach robh na taighean air cheann
Thug e osna air gu teann
'S gun mhall e air an Ròdha.

Bha Dòmhnall pòsta aig Nighean Eòghainn Tàilleir agus rinn iad an dachaigh, agus thog iad teaghlach, aig 13 Bòrnais.

Rinn e an t-òran Fàgail Bhòrnais ann an 1923 nuair a dh'fhalbh grunn theaghlaichean à Uibhist a Deas gu ruige Alberta an Canada. Nam measg bha Ailean Dòmhnallach agus Dòmhnall Mòr Mac a' Phearsain à Bornais.

Rinn e an t-òran mar gum b' e Ailean mac Iain a bha bruidhinn, agus tha pìos fearainn ann am Bornais fhathast air ainmeachadh mar croit Ailean 'ic Iain.

B' e Alasdair Dòmhnallach, Dallas, a rinn an t-òran 'Machair Bhòrnais', mac Dhòmhnaill Ruaidh.

Tha sinn an comain Ritchie, mac Iagan Dhòmhnaill 'ic Dhòmhnaill Ruaidh airson an fhiosrachaidh seo.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.