Dòmhnall Ruadh Cheann Tangabhal

Sgeulachd: Dòmhnall Ruadh Cheann Tangabhal

Seo an sgeulachd a dh'innis Seumas Ros nach maireann mun t-òran Gur e mo Ghille Dubh Dhonn air prògram Gàidhlig a' BhBC air 13 Màrt 1966.

Uair dha robh saoghal bha gille agus nighean a' fuireach an Ceann Tangabhal am Barraigh ris an canadh iad Dòmhnall Ruadh agus Catrìona ni'n Aonghais. Bha iad a' dol a phòsadh agus rèitich iad.

Dè thachair eadar am pòsadh agus an rèiteach ach gu robh sgoth a' falbh à Ceann Tangabhal a dh'Èirinn a dh'iarraidh sìol, agus 's ann a dh'fhalbh Dòmhnall Ruadh còmhla riutha, a dh'Èirinn, a dh'iarraidh pige na bainnse.

Ràinig iad Èirinn slàn sàbhailte, àite ris an canadh iad An Iùbhraidh. Bha bàl mòr dannsa a' dol as a' bhaile seo, 's chaidh Dòmhnall Ruadh chun an dannsa mar dhuine 's mar dhithis a bh' ann.

Thachair e ri boireannach ann a' sin, tè bheartach a bha mòran na b' fheàrr dheth na bha e fhèin. Ghabh ise i fhèin tlachd de Dhòmhnall Ruadh. A rèir coltais b' e duine mòr brèagha a bh' ann. Mar a chanadh iad "leag i d' a bheul agus d' a shlighe" agus cha robh dol às aige.

Dhìochuimhnich e mu Chatrìona bhochd agus phòs e a' bhean Èireannach.

'S ann à mulad Chatrìona a thàinig an t-òran.

Bha e air a ràdh ann am Barraigh gun do shoirbhich pòsadh Dhòmhnaill leis, an toiseach, agus gu robh leanabh gille aca.

Ach mar a bha an cleachdadh a bh' aca as na h-Eileanan aig an àm a bha siud, bhiodh iad a' toirt na cloinne dhan leabaidh còmhla riutha air an oidhche. Bha Dòmhnall Ruadh airson seo a dhèanamh ach cha robh a bhean idir air a shon.

Oidhche de na h-oidhcheannan thug e an gille dhan leabaidh ge b' oil leatha, agus nuair a chunnaic ise gu robh e airson a thoil fhèin fhaotainn, thuirt i "Nach uabhasach mar a dh'èirich dha na daoine bochda fhèin! Na droch chleachdannan a bh' aca."

Cha do dh'èist Dòmhnall ris a' chòrr. Chuir e aodach air is thug e an dubh-leum às an leabaidh agus chan fhaca ise no duine eile air thalamh a dhubh no a dhath tuilleadh.

Tha iad a' cantainn gur e a' chogais a bha a' cur dragh air Dòmhnall Ruadh, a' fear nach robh dìleas do bhòid a rèitich.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.