
Rugadh Dòmhnall Norrie MacLeòid ann an 1932, am mac a b' òige a bh' aig Dòmhnall Choinnich 'an 'ic Dhòmhnaill, bho 12 Tolastadh a' Chaolais, agus Cairistìona Chaluim Thormoid, bho 14 Tolastadh a' Chaolais. Cha robh ach creagan beag eadar an dà thaigh agus tha Dòmhnall Norrie fhathast aig Àireamh 12.
Bha seachdnar san teaghlach. B' e Coinneach, athair Mairead agus Donnie MacLeòid bhon chòmhlan Na h-Òganaich, a bu shine. Bha an uair sin Cairistìona, Niall, Catrìona, Calum Iain, Dòmhnall agus Dòmhnall Norrie fhèin.
Fhuair Dòmhnall Norrie an ceòl bho thaobh athair. Mar eisimpleir bha piuthar athar ann a' Liurbost, bean Aonghais a' Phuist, math air na h-òrain luaidh.
Bha tòrr seinn cuideachd anns a' phìos sin de Tholastadh a' Chaolais - muinntir a' Bhodach, muinntir Choinnich agus Mhurd' aisy.
Bhiodh Dòmhnall Norrie a' seinn bho 's cuimhne leis. Tha cuimhne aige air a' chiad chonsairt air na sheinn e. Cha robh e ach 15 agus ghabh e 'A' Fàgail Steòrnabhaigh' anns an drill hall an Càrlabhagh.
Rinn e tòrr seinn aig consairtean, gu h-àraidh anns na 60an, eadar Nis, far am biodh iad daonnan ag iarraidh air 'Poit-mhùin na Caillich' a sheinn, Ùig, Beàrnaraigh, na Lochan, Siabost, agus aig cèilidhean a bhiodh ann an taigh-òsta Doune Braes aig àm fèilltean àiteachais is eile. Bha e fhèin agus a bhràthair, Dòmhnall, agus Iain MacÌomhair, Iain a' Phròbhast à Breascleit, cuideachd ann an seòrsa de chòmhlan a bhiodh a' seinn aig consairtean.
Bha e uabhasach furasta do Dhòmhnall Norrie òran a thogail, co-dhiù b' e òran èibhinn, aotrom, no òran gaoil a bh' ann. Nan cluinneadh e òran dhà na thrì uairean, bhiodh e aige.
Bha Dòmhnall Norrie a' fighe chlòitean airson 16 bliadhna. Mar a tha cuimhne aig Mairead NicLeòid, nighean a bhràthair, Coinneach:
"Nuair a bha mise beag, 's sinn air làithean-saora, bhiodh e an còmhnaidh ri chluinntinn a' seinn anns an t-seada-beairt. Chluinneadh tu a' ghuth ag èirigh os cionn fuaim na beairt. Bhiodh e a' seinn no a' feadalaich fad na tìde, 's tha fhios gu robh sgamhanan air leth làidir ann oir chluinneadh tu a ghuth air feadh a' bhaile."
An uair sin, thòisich Dòmhnall Norrie le bhan, a' reic stuthan bìdh eadar ceann a-staigh Dùn Chàrlabhaigh, tro Bheàrnaraigh agus sgìre Ùige chun an taigh mu dheireadh ann am Brèinis.
Bu toigh le Mairead a bhith a' dol còmhla ris:
"Latha fada, a' stad aig a h-uile taigh, a' toirt dhaibh na gnothaichean a bha dhìth orra, a h-uile duine a' bruidhinn ann an Gàidhlig, agus a' feitheamh faic dè na naidheachdan a bhiodh aige."
Ged a b' e làithean fada a bh' ann, bha an obair a' còrdadh ris agus bha mòran taic aige bho a bhean, Catrìona, le bhith ruith chùisean.
Leig e an obair sin seachad ann an 1978 agus thòisich e a' fighe a-rithist. Bha e cuideachd aig an àm sin a' ruith sgoilearan bho Lìseadair chun an Dùin, gu sgoiltean Bhrèascleit agus Chàrlabhaigh.
Bha dithis a theaghlach aig Dòmhnall Norrie agus Catrìona, Dòmhnall, a tha fuireach an Tolastadh a' Chaolais agus Christine a tha fuireach am Breascleit. Chaochail a bhean, Catrìona, anns an Lùnastal 2008.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.