Rugadh Dòmhnall Moireasdan an Àrd Tunna as a' Ros Mhuileach air 29 Faoilleach, 1885. Bha athair na chroitear agus bha an teaghlach air a bhith as an Ros fad iomadh ginealach.
B' e nighean le fear Dòmhnall MacDhiarmaid, a chaidh fhuadach à Ìle agus a fhuair beagan fearainn am Bun Easain, a bha ann am màthair Dhòmhnaill, agus tha e coltach gur ann bhon taobh seo a fhuair e a' chuimhne anabarrach a bha aige.
B' e Clann na h-Oidhche a chante ris na Moireasdanaich dom buineadh Dòmhnall agus bha grunn ghinealaich dhiubh nan seanchaidhean aig Clann 'illEathain Dhubhairt. Bha pìobairean ainmeil nam measg mar a bha bàird. Bhuineadh Màiri NicDhùghaill, a' bhana-bhàrd a sgrìobh Sìoman Donn agus Leanabh an Àigh, dhaibh air taobh a màthair.
Chaidh Dòmhnall don sgoil am Bun Easain gus an robh e trì bliadhna deug. Mar a dh'innis Jeannie Gibson, a bha aig aon uair a' postaireachd san Ros Mhuileach agus a bha eòlach air Dòmhnall, air BBC Radio nan Gàidheal air 26/10/1993:
"Croitearachd, b' e sin a chiùird. Gun teagamh, bha e ag obair le cairt. Bhiodh e a' toirt a' bhathar gus na marsantan as na bùithtean, agus rud eile bhiodh e a' dèanamh, bha e a' dol a-mach far an robh daoine a bha croitean aca nach robh comas aca fhèin air treabhadh no air curachd no air nì a dhèanamh, bha e a' dèanamh làithean dhe sin cuideachd. Agus nuair a chinn na mic suas aige, bha e aig clèibh cuideachd as an feasgair, e fhèin 's na balaich."
Bha Dòmhnall pòsta aig ban Sgitheanach, Ceit NicRaild, agus bha sianar a theaghlach aca, ceathrar mhac agus dithis nighean.
Chaidh Dòmhnall a chlàradh an toiseach don BhBC le Eòghainn Mac a' Phì agus chaidh a chlàradh le Calum MacIllEathain do Sgoil Eòlais na h-Alba ann an 1953, agus le daoine leithid an Dotair Màiri NicArtair on uair sin:
"Nuair a thòisich mi fhìn air bruidhinn ri daoine agus a' dol mun cuairt as an Ros Mhuileach airson beul-aithris a chruinneachadh, mhothaich mi cho tric 's a bha an t-ainm aig Dòmhnall Moireasdan ri chluinntinn fhathast. "O, sin a thuirt Dòmhnall Moireasdan. Chuala mi an naidheachd sin aig Dòmhnall Moireasdan!"
Agus dh'ionnsaich e na bh' aige, na naidheachdan agus an stòr a bh' aige as an fhìor seann dòigh. Bha e dol mun cuairt e fhèin a chèilidh air na daoine as a' choimhearsnachd is e gu math òg.
Bha ùidh mhòr aige ann an eachdraidh nan Gàidheal agus bha deagh fhios aige cho cudthromach agus a bha Eilean Ì agus Muile ann an eachdraidh nan Gàidheal. Nuair a thachair mise mi fhìn air airson a' chiad turas, bha fios aige gur ann à Ì a tha mhuinntir agam. Thòisich e air bruidhinn mu Chalum Cille agus cho cudthromach agus a bha Calum Cille.
Tha fhios agam gu robh e gu math eòlach air eachdraidh Chloinn 'illEathain, Cloinn Phàidein a bha ann am Muile roimhe sin, na Moireasdanaich is ciamar a thàinig iad do Mhuile an toiseach. Ach a bharrachd air sin bha e gu math eòlach cuideachd air eachdraidh ionadail, cor nan croitearan tro na linntean, an dòigh beatha aca, ciamar a bha iad a' tighinn beò ann am Muile agus cho doirbh 's a bha rudan dhaibh, mar eisimpleir aig àm na fuadaichean."
Bha stòras mhòr de dh'òrain aig Dòmhnall Moireasdan cuideachd, mar a dh'innis Màiri NicArtair:
"Bha òrain aige nach eil thu a' cluinntinn an-diugh, òrain neo-àbhaisteach, òrain a rinn bàird ionadail is daoine as a' choimhearsnachd agus tha sin gu math luachmhor againn an-diugh.
Mar eisimpleir, na h-òrain aig Seumas Robertson, a bha na iasgair as a' Ros Mhuileach agus na bhàird. Rinn e tòrr òrain. Agus thachair mi bho chionn caigeann bhliadhna air nighean do Sheumas Roberson, a bha air a bhith a' fuireach air tìr-mòr ach thàinig i air ais do Mhuile. Bha ise glè òg nuair a shiubhail Seumas agus, mar sin, cha robh cothrom aice na h-òrain ionnsachadh i fhèin.
Agus thadhail i air Dòmhnall. Bha e ann an Dùn Àros aig an àm sin agus bha e fìor thoilichte a faicinn agus thuirt e rithe "Na biodh dragh oirbh. Tha na h-òrain aig ur n-athair sàbhailte. Thug mi fhìn a h-uile gin dhiubh do Sgoil Eòlais an h-Alba air teipichean agus tha iad ann a' sin sàbhailte.""
Bha deagh fhios aige cho luachmhor 's a bha an stòr a bh' aige, na naidheachdan, na h-òrain, agus gur e rud feumail is cudthromach a tha ann teipichean a dhèanamh airson gum bi an stuth seo againn, agus aig na ginealaich ri tighinn."
Bha Seonaidh Caimbeul na bhàrd as an Ros Mhuileach agus bha e fhèin a' dol an eisimeil cuimhne Dhòmhnaill:
"Bhithinn-sa, nuair a dhèanainn caigeann cheathramhan òran, thachair gu robh mi air mails Àrd Thunna speil, agus bha mi ga seinn do Dhòmhnall. Bhiodh cuimhn' aige-san orra ged nach biodh cuimhne agamsa."
Chaidh Dòmhnall cuideachd a chlàradh dhan BhBC le Fred MacAmhlaigh:
"Duine mòr foghainteach a bha an Dòmhnall, duine mòr, àrd, caol. Cha robh mòran colainn idir air, 's bha e an uair sin na sheann duine nuair a b' aithne dhòmhsa e. Bha e còrr math is ceithir fichead sa deich co-dhiù, agus e le thàlantan dìreach gun ghiorradh.
Nuair a rachadh tu chòmhradh ri Dòmhnall bha thu a' faighinn farsaingeachd a thaobh sgeulachdan is eachdraidh. Nam biodh e air a bhith as a' linn as an robh sinne beò, tha deagh theansa gum biodh Dòmhnall air feum a dhèanamh an oilthigh, agus chan eil fhios agam càite am biodh e, an inntinn a bh' aige eadhon aig an aois a bha siud. Bha i anabarrach fhèin fosgailte is breithneachail.
Bha e a' toirt breithneachadh as a h-uile nì agus nuair a thigeadh e gu eachdraidh 's e ga innse dhut, cha mhòr nach fhaiceadh tu e. Bha e cho làidir sin san innse 's nach mòr nach fhaiceadh tu dìreach a h-uile rud a bha e ag innse dhut a' tachairt air do bheulaibh agus cha b' ann an-dè a thachair e ach an-diugh.
Bha e airson, chan e a-mhàin innse dhut, ach bha e airson gun glèidheadh tu e, gun cumadh tu cuimhne air, agus 's ann ainneamh a thogadh e a shùil dhiot nuair a bha e ag innse sgeul. Bha e ann a' siud agus dh'fheumadh tu bhith ag èisteachd."
Bha ùidh shònraichte aige Dòmhnall Moireasdan ann am poilitigs, fiù 's nuair a bha e a' streap ris a' cheud, mar a fhuair Fred a-mach:
"Sheasadh e a chòraichean ann an suidheachadh sam bith nan tigeadh air sin a dhèanamh. Chan fhailicheadh e air. Bha tuigse aige air poilitigs agus eòlas air eachdraidh. Tha mi a' bruidhinn air eachdraidh Alba agus eachdraidh nas fharsainge. Bha an t-eòlas sin aige, 's mar a thuirt mi mar-thà, bha am breithneachadh sin ga chur an cèill as a h-uile rud a bha e a ràdh. Bha e làidir air gnothaichean fearainn. Cha chreid mi nach ann na sgalag a bha e nuair a thòisich e. Tha mi gu math cinnteach gur ann agus chan eil mi smaoineachadh gun tug e maitheanais dha na h-uachdarain a-riamh airson an t-suidheachadh as an robh e fhèin."
Chuir Dòmhnall seachad bliadhnaichean deireannach a' bheatha ann an dachaigh seann daoine, Dùn Àros, agus sin far an do chuir Ruaraidh MacNèill às an t-Sàilein eòlas air:
"'S e Làbarach a bha ann agus bhiomaid a' tarraing às, gu h-àraidh nuair a bhiodh taghadh Pàrlamaid ann, 's gheibheadh tu Dòmhnall a' dol agus an uair sin cha b' urrainn dhut stad a chuir air. Bha cuimhne aige air a' strike mhòr agus air na gnothaichean sin, agus nuair a thug na Conservatives a-mach an t-arm an aghaidh na feadhainn a bha stad a dh'obair 's gnothaichean mar sin, 's bha sin a' cur dragh air. Ach 's ann daonnan air taobh nan daoine bochda a bha e."
Fhuair Dòmhnall aois mhòr, ceud bliadhna agus còrr, agus 's e cuimhne bhlàth a bha aig seann bhana-charaid, Màiri NicEachnaidh, air:
"Duine gasda a bha 'n Dòmhnall Moireasdan as a h-uile dòigh. Duine eireachdail na phearsa, coibhneil. Bha mi uabhasach toigheach air Dòmhnall, fiadhaich toigheach air."
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.