Dòmhnall Moireasdan (Geinidh)

Dòmhnall Moireasdan (Geinidh)

'S ann anns na Còig Peighinnean ann an sgìre Nis, Leòdhas, ann an 1911, a rugadh Dòmhnall Moireasdan, Dòmhnall Aonghaisein, neo Geinidh mar a chante ris. B' i Màiri NicDhòmhnaill, nighean Dhòmhnaill 'ic Iain à 31 Suaineabost, bu mhàthair dhà.

'S e duine àrd, caol a bh' ann a bha daonnan cofhurtail am measg dhaoine. Bha e làn spòrs is dibhearsain agus nam biodh tu na chuideachd dh'fhaodadh tu a bhith cinnteach gun robh oidhche dhòigheil gu bhith agad.

Bha trì cuspairean gu sònraichte aige na bhàrdachd agus b' iad sin na daoine, an dùthaich agus an cànan, le maise nàdair air a shnìomh tromhpa.

Bha ùidh mhòr aige anns an àrainneachd agus ann am bailtean sgìre Nis agus tha sin a' tighinn am follais anns na h-òrain aige. Bhiodh e an còmhnaidh shìos mun chladach agus a' falbh nam achraichean nuair a bha e aig an taigh. B' e Niseach a bh' ann gu chùl.

Thàinig air Geinidh falbh à Leòdhas airson cosnadh fhaighinn. Chaidh e a Ghlaschu na nurs gu ospadal Hawkhead, neo Leverndale mar is aithne do mhòran e, agus bha e cuideachd ag obair mar rigger ann an gàrraidhean-iarrainn Chluaidh. Bha e ag ionndrainn na sgìre a dh'fhàg e agus tha sin ri chluinntinn anns na h-òrain a rinn e ann an Glaschu.

Mar iomadach Niseach eile, bha e anns an R.N.R. agus bha e aig muir tron chogadh. 'S ann aig deireadh a' chogaidh a phòs e Cairistìona Ruairidh às Na Fleisirean. Bha dithis bhalach aca, Dòmhnall agus Murchadh Iain, agus tha iadsan le chèile a' fuireach ann an Nis.

Bha an teaghlach a' fuireach ann an Inbhir Pheofharain airson greis agus bha Geinidh ag obair ann a Gleann Oirin, far an robh sgeamaichean Hydro aig deireadh na leth-cheudan. Sgrìobh e òran mu Ghleann Oirin far an robh e "A' tomhais doimhneachd druim a' mhonaidh".

Bhiodh òrain Gheinidh aige air an seinn an taighean-cèilidh agus am bothain Nis. Bha a bhràthair air an robh An Rìgh mar fhar-ainm cuideachd ri bàrdachd.

Thill an teaghlach dhachaigh agus bha Geinidh ag obair air a' bheairt, a' dràibheadh bhan le bèicearachd agus a' falbh le carbad na sgoile mus do bhris a shlàinte. Chaochail e anns an Dàmhair, 1964, aig aois 53.

Tha cuimhne aig Murchadh Iain, mac Gheinidh, a bhith 'g èisteachd ris an rèidio aon latha agus e na bhalach beag. Bha Seonag NicChoinnich a' seinn. "'S e òran brèagha tha siud," thuirt e ri mhàthair, nuair a chrìochnaich Seonag. "O, uill" ars a mhàthair, "'S e An Tèid Thu Leam Mo Nighean Donn ainm an òrain ud, agus 's e d' athair a sgrìobh e."

Bha Murchadh Iain e fhèin a' sgrìobhadh òrain. Mar eisimpleir, 's e a sgrìobh Tionndaidh am Bàt'. An-diugh bidh e a' sgrìobhadh laoidhean agus dàin spioradail.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.