Buinidh Dòmhnall Moireach don Eilean Sgitheanach far a bheil taigh aige fhathast.
Dh'ionnsaich e a chiùird mar pheannaire agus mar fhear-ealain ann an Colaiste nan Ealain an Dùn Èideann. Gus a' bhliadhna 2000 bha e os cionn Roinn Ealain agus Dealbhadh ann an Colaiste Raibeart Gòrdan an Obar Dheathain.
Tha e air cliù a chosnadh dha fhèin airson an obair a tha e air a dhèanamh air pròiseactan leithid Piper Alpha Book of Condolences agus An Leabhar Mòr, agus tha na dealbhan aige ann an iomadh cruinneachadh poblach agus prìobhaideach. Tha leithid na Bana-phrionnsa Anna air dealbhan leis a cheannachd.
Tha Dòmhnall ri chluinntinn a' seinn aig cèilidhean agus aig Mòdan. Choisinn e am Bonn Òr aig Mod Inbhir Pheofharain ann an 1991.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.