Rugadh Blùgo, Dòmhnall MacNèill à Eàrlais, an t-Eilean Sgitheanach, mu 1860 agus chaochail e aig aois 93 ann a' 1953. Iasgair a bh' ann, no son a bhith buileach ceart, b' e cliùcair, fear a bhiodh a' càradh lìn dha iasgairean sgadain a bh' ann, agus tha beachd ann gur ann bhon a sin a thàinig an far-ainm Blùgo. Nuair nach b' urrainn dhan chloinn clìucair a ràdh, chanadh iad Blùgo agus lean an t-ainm.
Bhiodh iad ag iasgach cho fada air falbh ri ceann a deas Èirinn, a' dol gu Kinsale agus tric a dh'Eilean Mhanainn ann am bàta-siùil, 80 troigh a dh'fhaid, a bha le fear Aonghas MacLeòid à Eàrlais. B' e iasgach sgadain bu mhotha ris an robh iad, ach nuair nach robh sin cho pailt gheibheadh Dòmhnall obair eile oir b' e duine làmhchaireach a bh' ann dhe.
Phòs e Màiri Anna Dhòmhnallach à Tobhta Sgòir. Bha na daoine aice air an ainm atharrachadh bho MacCòmhghan (McCowan) agus bha i càirdeach dhan fheadhainn a bha a' dèanamh McCowan's Toffee.
B' e Alasdair MacCòmhghan leis an robh a' chompanaidh agus bha ùidh mhòr aige ann an crodh Gàidhealach agus sin bu choireach gnu robh an dealbh air an tofaidh agus gun canadh ginealaich de chloinn tofaidh-bò ris.
B' e bràthair dha Alasdair a bh' anns an t-Urramach Ruaraidh MacCòmhghan a bha na mhinistear san Eaglais Shaor ann an Ratharsair agus a sgrìobh an leabhar The Men of Skye.
Bha ceathrar a theaghlach aig Dòmhnall MacNèill, triùir nighean agus balach. Rinn e cuideachd 'Òran do Chogadh Afraga' agus duanagan eile.
Tha sinn an comain Lachaidh MacGillÌosa airson an fhiosrachadh seo mu sheanair, air taobh a mhàthar.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.