B' esan Dòmhnall MacNeacail, Dòmhnall 'an Shomhairle. B' ann à Stafainn a bha a chuideachd bho thùs ach ghluais iad gu ruige Dùn Thùilm nuair a chaidh oighreachd Fhlòdaigearraidh a roinn. Bha deichnear anns an teaghlach - sianar bhalach agus ceathrar nighean - iad uile tàlantach a thaobh cèol agus seinn. Bha Dòmhnall fhèin na dheagh phìobaire.
An dèidh dha Sgoil Phort Rìgh fhàgail bha e anns an airm agus greis aig muir mus do rinn e a dhachaigh ann an Glaschu. B' e cùbair a bh' ann, a' dèanamh bharaillean do chompanaidh uisge-beatha. Phòs e ban-Sgitheanach às an t-Struthan, agus bha ceathrar a theaghlach aca, triùir ghillean agus aon nighean. Bha 'd a' fuireach ann an Druim Chapall.
A' cuimhneachadh air Dòmhnall, bràthair a h-athar, nuair a bhiodh e a' tighinn dhan Eilean air làithean saora, bha Màiri Anna Ghreumach am Peighinn a' Ghobhainn a' dèanamh dealbh dhe, "Falt ban-ruadh air. Cha robh e garbh neo meanbh ach eadar an dà chuid; gasda, làn fealla-dha, faisg na dhòigh - caractar!" agus tha sin follaiseach bho na h-òrain aige.
B' e Dòmhnall a sgrìobh òrain leithid 'When I Came to Glasgow First' (ged nach do chuir e ainm ris mus aithnicheadh duine cò e), Òran a' Loch Ness Monster, agus 'Òran an Appendix'.
Ach b' e cuideachd a rinn 'Nam Shuidh' An Seo Gad Chuimhneachadh' agus an t-òran 'Anna NicLeòid' do ghillean Hearach a bha a' seòladh còmhla ris 's a dh'iarr air òrain a dhèanamh dhaibh. Rinn e cuideachd mòran òrain do mhuinntir an àite. A rèir Mhàiri Anna bha làn leabhar de na h-òrain aige fhèin aige, ach, gu mi-shealbhach, chaill e e agus cha d' fhuaireas lorg riamh air.
Tha sinn an comain Màiri Anna Ghreumach, nighean le bràthair Dhòmhnaill, airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.