Dòmhnall MacLeòid (An Greusaiche)

Rinneadh an t-òran Eathar Dubh à Bradhagair le Dòmhnall MacLeòid, Dòmhnall Chaluim, An Greusaiche, à Port Nis ann a' Leòdhas. Rugadh e ann an 1881 agus chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha a' fuireach os cionn a' chidhe as a' Phort.

Mar a sgrìobh Tormod MacLeòid, Am Bàrd Bochd, mu dheidhinn anns a' chruinneachadh a rinn e de bhàrdachd à Leòdhas:

"Chunnaic e mar sin iomadh caochladh a' tighinn air a' Phort na latha, bhon àm a bhiodh trì cairtearan len eich 's len càirn a' toirt air falbh na gainmhich a bhiodh a' tachdadh cladhan na h-acarsaid, air tuarasdal not anns a' bhliadhna bho gach eathar a bhiodh ag iasgach a-mach à Calaigmhol – an t-ainm a bha air a' Phort mus do thogadh an cidhe."

Agus ann am bàrdachd thug Dòmhnall Chaluim dealbh air an iasgach a bha am Port Nis na òige:

Nuair bha mi òg tha cuimhn' agam
Air suinn, is mar a bha;
Air daoine bha nan iasgairean
B' e sin a-riamh an ceaìrd;
Bha sgòthan fosgailt' lìonmhor ac'
'S bu bhrèagh' iad feadh a' bhàigh
Linn-mhòra, 'n t-inneal-iasgaich ac'
Bha ceudan dhiubh san àit'.

Ri dol gu muir bha h-uile fear
Ri 'g ullachadh cho tràth;
Bha moch-èirigh san dòigh aca
'S na seòid cha ghabhadh tàmh;
Chuirt' na siùil gu siar oirre
Bha 'n t-iasg an sin na b'fheàrr
Dheigheadh cuid a-mach à fianais dhuibh
Gun sgial orr', dol cho àrd.

Agus:

Bhiodh langanan nan ceudan ac'
'S a h-uile h-iasg gach seòrs';
Bha taighean-saillidh lìonmhor ann
'S b' e sin an riamh an stòr;
Bhiodh ciùirearan le sùrd orra
Aig an dùn leis a' chuirc mhòir
Ri sgoltadh, toirt a chnàimh a-mach
'S gach tè dhiubh bh' ac' air bòrd.

Bha a' bhùth ghreusachd aig Dòmhnall Chaluim ceangailte ris an taigh, air cùl far a bheil Taigh Bheirgh an-diugh. Bha dà thaigh ann, taigh athair, taigh Chaluim Mhurchaidh, agus taigh Dhòmhnaill leis a' bhùth ceangailte ris.

Bha e pòsta aig tè à Suaineabost ach cha robh teaghlach aca. Thug e a-mach a cheàird mar ghreusaiche ann an Glaschu agus, nuair a bha e na b' òige, bhiodh e a' dèanamh nam bòtannan mòra leathar a bhiodh air iasgairean san àm sin. Bha a' bhùth air a cleachdadh le daoine mar thaigh-cèilidh.

Duine beag, cruinn, stuama a bh' ann, a bha a' dèanamh tòrr leughadh. Tha e coltach nan tigeadh duine dhan bhùth le brògan a bha iad air a leigeil ro fhada, gun canadh e, "Tilg iad le Cadhaigea!", geodha a bha faisg air làimh. Ach chàradh e iad a dh'aindeoin sin.

Ged a bha a fhreagairt faisg dha an còmhnaidh, bha e uabhasach iomnach. Nuair a thigeadh daoine à bailtean eile na sgìre nach robh eòlach mun Phort dhan bhùth, air an oidhche gu h-àraidh, chionns gur e coigrich a bh' annta, thigeadh e mach is choisicheadh e pìos dhen rathad leotha air eagal 's gun deidheadh iad leis a' chreig san dorchadas.

Bha an aon uallach air mu dhaoine a bhiodh a' tighinn a chreagach mu na cladaichean.

Cha bhiodh Dòmhnall Chaluim ag aoireadh no a' càineadh agus bha e air a ràdh gun ghabh e aithreachas gun d' rinn e an t-òran Eathar Dubh à Bradhagair.

Chaochail e air 10 Màrt, 1962.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.