Dòmhnall MacÌomhair

Rugadh Dòmhnall MacÌomhair an Ìslibhig ann a' sgìre Ùig, Leòdhais, ann an 1857 agus ged a chuir e seachad a' chuid mhòr dhe latha an ceàrnaidhean eile an eilein tha e coltach nach do chaill e riamh còmhradh an Ùigich.

Ann am program Gàidhlig a' BhBC air 11 Ògmhios, 1963, dh'innis Seumas MacThòmais a bha eòlach air dè seòrsa duine a bh' ann:

"Duine a bha foghainteach, calma na bhodhaig, cho dìreach ri saighead gus an latha mu dheireadh, le ceum socair, bonnchar, gun sùil a-null na a-nall ach dìreach air a' cheann-uidhe. Bha e tapaidh na inntinn agus cinnteach às fhèin. Cha tugadh e a bheachd seachad gun meòrachadh air a dheagh shocair. Ach am beachd a bh' aige chumadh e, gun oidhirp sam bith a dhèanamh gu bhith toirt neach eile às a bheachd fhèin."

Thug Dòmhnall MacÌomhair dà bhliadhna a' teagasg ann a' Sgoil Leumrabhaigh; às a' sin chaidh e gu ruige Breascleit far an robh e airson trì bliadhna deug.

Thàinig e gu Sgoil Phabail, san Rubha, sa bhliadhna 1896 is thug e sia bliadhna fichead innte, dìreach gus na leig e dheth a dhreuchd sa bhliadhna 1922.

Tha e coltach gun robh e air leth dèidheil air iasgach agus gach cothrom a gheibheadh e bhiodh e a-mach le lìon no dorgh, no le slait. Mur biodh an aimsir freagarrach airson an eathair, chìte e air abhainn no air loch.

Nuair a leig Dòmhnall dheth a dhreuchd, cheannaich e tuathanas beag a ann an Garrabost far na chuir e seachad a chòrr dhe bheatha. Bha crodh is caoraich aige agus bha e ag àiteach an fhearainn. Cuideachd dh'fhoillsich e leabhar làn de dh'ainmean an eilein, air am mìneachadh mar a b' fheàrr a b' aithne dha.

Choisinn e duaisean litreachais uair is uair aig a' Mhòd. Ach chan eil teagamh nach e An Ataireachd Bhuan gràinne-mullaich na bàrdachd aige. Mar a thuirt MacThòmais:

"Cho fad 's a bhios òrain Ghàidhlig ga seinn cha leigear am fear-sa air dìochuimhn'. Chan eil teagamh nach eil am fonn uasal drùidhteach a chuir Iain Dòmhnallach air an òran na mheadhan mhòr air an t-àite a tha aige ann an cridhe an luchd-èisteachd."

Cluinnear daoine ag ainmeachadh an òrain mar 'An Ataireachd Àrd' ach bha MacThòmais diombach mun seo.

"An toiseach chan e seo an t-ainm a thug am bàrd fhèin air an t-òran idir ach An Ataireachd Bhuan. Agus sin an t-ainm as freagarraiche cuideachd. Chan e fuaim àrd na h-ataireachd a bha gu sònraichte air inntinn an fhir a bha labhairt, ach cho buan, seasmhach 's a bha e nuair a bha gach nì eile air an robh e eòlach air caochladh.

Anns a' bhàrdachd tha e a' dèanamh iomradh air fiosrachadh is faireachdainn bràthair athar a bha fada air thaigheadas ann an coilltean iomallach Chanada, agus a bha air tilleadh air chuairt a dh'Ùig far na thogadh e. Tha esan ag ionndrainn a' mhuinntir a bha òg an siud nuair a bha e fhèin òg, an dòigh-beatha a bh' aca, agus taighean a' chlachain air an robh e eòlach na bhalach. Bha an sluagh air an sgapadh air feadh an t-saoghail, na bha beò dhiubh; bha na taighean air tuiteam nam broinn agus an deanntag agus a' luachair air na làraich a chur fodhpa fhèin. Cha robh nì mar a bha e ach ataireachd a' chuain air an tràigh. B' e a mhiann deireannach gum biodh e air a thasgadh fa-dheòidh far an ruigeadh ceòl nan tonn ud àite tàimh san ùir."

Chaochail Dòmhnall MacÌomhair ann an 1935.

Thuirt MacThòmais mun duine air an robh e fhèin cho eòlach:

"Chuir mi eòlas air mar fhìor charaid, sèimh na dhòigh, fad-sheallach agus foighidneach riutha-san a bha a dh'atharrachadh bheachd ris fhèin, coibhneil, uasal, agus carthannach.

Dh'fhàg e a bhraise agus a smachd air a' chùl agus ghabh e tlachd mhòr anns an t-seirbheis as aìrde as urrainn dhuinn a leantainn, seirbheis a' Mhaighstir. Bha e iomadh bliadhna na èildear coitheanail is clèire agus fhad 's a bha an cothrom aige cha bhiodh àite falamh. Duine ceart na ghiùlan, agus duine a chrìochnaich a thuras na Chrìosdaidh iriosal, caomh."

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.