
Rugadh Dòmhnall MacEacharna air 25 Dùbhlachd, 1836, ann an Gleann Gàrrasdal an ceann a tuath Eilean Dhiùraidh. Mar a chaidh a ràdh air program Gàidhlig a' BhBC air 4/10/44:
"Rinn ceòl mara Choire Bhreacain tàladh don leanabh nuair a dh'fhosgail e a shùilean an toiseach anns "a' bhothan bheag an sgàth nan creag" an Gleann Gàrasdail".
Cha robh ach aon teaghlach eile sa ghleann iomallach seo agus cha mhotha bha sgoil ann. B' fheudar do Dhòmhnall a dhol a dh'fhuireach an taigh a sheanair airson a dhol don sgoil agus dh'fhàg e an t-eilean 's e glè òg.
Slàn le Diùraidh chreagach, chiar,
B' e m' aighear 's m' iarrtas riamh bhith 'd thaice,
A' sealg na h-èilde air an t-sliabh
'S an làn daimh chiar an riasg na glaice.
Thug e greis ag obair an Grianaig agus an Campsie agus an dèidh sin chaidh e air thaigheadas an Dùn Èideann far an do chuir e seachad an dà fhichead bliadhna mu dheireadh dhe bheatha. An sin fhuair e eòlas air sàr sgoilearan Gàidhlig a' bhaile mar a mhìnich an t-Ollamh Dòmhnall Meek agus e a' dèanamh ath-sgrùdadh air obair MhicEacharna anns an iris Gairm, Àireamh 127, Samhradh 1984:
"Àite gu math beòthail a bh' ann an Dùn Èideann nuair a bha MacEacharna a' còmhnaidh ann, agus bha a' bheòthaileachd seo a' nochdadh gu follaiseach am measg nan Gàidheal a bh' anns a' bhaile.
Bha cuid dhiubh a bha cliùiteach nan latha fhèin agus tha an cliù air mairsinn chun an latha an-diugh – daoine mar Alasdair MacIlleMhìcheil a thòisich air Carmina Gadelica a chlò-bhualadh ann an 1900, agus an t-Ollamh Blackie a bha dealasach às leth còirichean nan croitearan agus a bha mar mheadhan air a' Chathair Cheilteach a chur air chois an 1882 (a' Chathair anns an robh Dòmhnall MacFhionghain na Ollamh). Bha MacEachearna eòlach air MacIlleMhìcheil agus air a' chòrr, agus bhiodh am buidheann sunndach seo a' coinneachadh aig ceilidhean is eile gu math tric."
Mar a sgrìobh Domhnall fhèin:
Bha mise 'n raoir air cheilidh
'S gum b' èibhinn a' chuideachd sinn;
Bha maithean à Dùn Èideann,
A' Chlèir 's Am Bàrd Luideagach;
Bha rannan againn 's sèistean
Le sgeulachdan 's luinneagan,
'S bha mise cur an cèill dhaibh
Na dh'èirich dhomh thubaistean.
B' e Am Bàrd Luideagach a bh' aig MacEacharna air fhèin agus bhiodh a chuid òrain is bardachd a' nochdadh ann an irisean fon ainm sin. Bha 'd a' còrdadh ri daoine:
"Aotrom no suidhichte, bha a smuain an còmhnaidh air a h-èideadh le dreach. 'S air cùl na h-inntinn aige, am measg ùpraid a' bhaile mhòr, bha mac-talla nan seann òrain a chual' e bho chionn fhada"
O creid gur fìrinn a tha mi 'g innseadh
Is ionmhas prìseil do thìr a h-òrain;
Cha dìleab suarach o bhàrd a dhuanag
Ged 's beag, mo thruaighe! Chuir i na phòca.
Shoirbhich leis na obair, an toiseach a' riochdachadh companaidh thaighean-staile agus an uair sin ag obair air a' cheann fhèin. Phòs e is thog iad teaghlach. 'S ann do an nighean bhig a bh' aca, a chaochail òg, a rinn e an t-òran Bean a' Chòtain Ruaidh, air an do chuir Iain Dòmhnallach an Òbain fonn.
Tha obair MhicEacharna ri lorg anns an leabhar Am Fear-Ciùil, a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1904. Lorgar òrain ann a chluinnear chun an latha an-diugh, leithid 'Am Bothan Beag Còir' agus 'Fàgail Dhiùraidh' agus cuideachd eadar-theangachaidhean de, mar eisimpleir, rannan bhon Rubaiyat aig Omar Khayyam.
Sgrìobh am meur gu stuama 's air aghaidh ghluais gu bras;
'S cha dèan naomh no aingidh a mhealladh eang air ais;
A dhubhadh às aon sgrìob dhe gur diomhain an guth
'S cha nigh a-mach do dheòir e ged dhòirt iad nan sruth.
Tha aistidhean anns an leabhar cuideachd air cuspairean leithid An Cat, An Daol, Smior na Fìrinn, Tàillear na Manachainn, Oidhch' air Chèilidh, Am Fiadh agus Omar Khayyam.
Tha an t-Ollamh Meek ag ràdh:
"Saoilidh mi gu robh MacEacharna mothachail gun robh bàrdachd Ghàidhlig na naoidheamh linn deug ann an clais agus, gu dearbh tha e a' toirt a bheachdan air laigse bàrdachd Ghàidhlig anns an fharsaingeachd anns an aistidh a sgrìobh e air Omar Khayyam. Ach ged a dh'fhaodas duine a bhith mothachail air clais, 's e rud eile a th' ann faighinn aiste – agus cha do rinn MacEacharna fhèin sin na chuid rannan. Sna h-aistidhean aige, ged-thà, gheibh sinn sealladh eile air an duine agus tha mi dhen bheachd gun do leum e thairis air a' chlais anns an robh rosg Gàidhlig anns an àm."
Chaochail Dòmhnall MacEacharna ann an 1908.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.