"Bhiodh Dòmhnall, nuair a thigeadh e, bhiodh iad ag ràdh "Tha Dòmhnall MacColla a' seo!" agus rachadh oisean a dhèanamh do Dhòmhnall, agus bhiodh iad a' coimhead air aghaidh gu Dòmhnall a bhith a' seinn. Bha rudeigin a bha gan tarraing aige, nàdar theireadh tu an-diugh star quality a choireigin. Bha meas uamhraidh aca air, agus bhiodh e dìreach an uair sin a' cur a-mach nan òran, dìreach fear an dèidh fear."
Air prògram Gàidhlig air BBC Radio nan Gàidheal air 12 Ògmhios, 1999, siud mar a bhruidhinn Ailean MacColla mu bhràthair athar, Dòmhnall MacColla, a rugadh aig a' Ghoirtean ann an 1901.
Cha b' e Dòmhnall an aon bhàrd a bh' anns an teaghlach, mar a dh'innis fear eile de a chàirdean, Ailean MacColla eile:
"Bha Dòmhnall MacColla na bhàrd. Bha e a' fuireach an Airigh Bheagaig an ceann a tuath Àird nam Murchan agus 's e bràthair do mo sheanar a bh' ann-san. Agus cuideachd bha dithis bhàrd eile don ainm Dòmhnall MacColla nur teaghlach. Agus 's e a' chiad Dòmhnall, 's e mo shinn-sheanair a bh' ann, agus 's e Dòmhnall eile, 's e fear a bha a' fuireach faisg air an Òban. 'S ann à Gleann Borodail a bha esan. Aig deireadh a bheatha bha e a' fuireach faisg air an Òban.
Tha mise a' smaoineachadh gu robh Dòmhnall MacColla à Goirtean, às Àirigh Bheagaig, na phrìomh bhàrd as an teaghlach againne, a chionns gu robh a' bhàrdachd aige cho domhainn, agus bha na h-òrain aige cho ceòlmhor, agus bha a h-uile duine as an àite cho measail air mar dhuine, agus mar bhàrd."
Dh'fhàg Dòmhnall an sgoil aig aois 14, 's an dèidh làmh a thoirt air diofar obraichean, greis na ghàirnealair, greis ri sealg choineanach, greis ri obair rathaid, thionndaidh e gu gilidheachd agus an ceann ùine gu geamaireachd, an obair ris na lean e fad iomadh bliadhna ann an Diùraidh, an Earra-Ghàidheal, an Cataibh agus air a' Chomraich.
'S ann ag obair na ghilidh air oighreachd Chinn a' Gheàrrloch, as a' Mhorbhairne, a bha e nuair a choinnich e ri bhean Màiri, 's a rinn e an aon òran gaoil a rinn e riamh.
Bha còignear a theaghlach aig Dòmhnall agus Màiri agus rinn e òrain co-dhiù do thriùir aca.
'S e Fàgail Cheann Gheàrrloch aon den 40 òran le Dòmhnall MacColla air a bheil sgeul an-diugh. Tha e a' toirt dhuinn sealladh air a' ghaol a bha aig Dòmhnall air monadh agus frith, air sealg agus air an dùthaich ri taobh a' Linne Dhubh, air taobh tuath na Morbhairne.
Aig amannan bhiodh Dòmhnall a' cur fhacail fhèin ri seann fhuinn is phuirt; uaireannan chruthaicheadh e fonn ùr. Bha e na dheagh sheinneadair agus chluicheadh e a' phìob. Bha e daonnan ag iarraidh gum biodh ceangal dlùth eadar fonn is facail.
Ged a thug e iomadh bliadhna ag obair an àiteachan eile, 's ann air fearann an teaghlaich, aig a' Ghoirtean, a chuir e seachad an 25 bliadhna mu dheireadh dhe bheatha.
Tha e coltach gur e duine suidhichte, còir a bh' ann an Dòmhnall, duine as nach robh fearas-mhòr de sheòrsa sam bith. Tha cuimhne aig Ailean MacColla air, a' tighinn a chèilidh air athair fhèin:
"Bhiodh iad a' suidhe an uair sin, e fhèin is m' athair is duine eile, Ailig Mòr a theireadh iad ris. 'S bhiodh iad fad oidhche an uair sin. Bhiodh biadh aca, bhiodh dram bheag aca, 's bhiodh iad a' cur òran an dèidh òran, 's uairean bhiodh òran ùr aig Dòmhnall."
Sgrìobh Ailean Bruford a chlàr Dòmhnall airson Sgoil Eòlais na h-Alba mu dheidhinn:
"His inspiration came from the quiet life of the hills and the deer-forests; his models, of course, were the songs of Donnchadh Bàn and other eighteenth century Gaelic bards, which he had heard or taught himself to read...
Donald MacColl's particular gift lies in his ability to give a vivid description of details which the older bards might have considered beneath their notice: not just stags and eagles, but seagulls, thrushes, squirrels, mice, bumble bees, and ants and their various habitats."
Chaochail Dòmhnall MacColla ann an 1977.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.