Dòmhnall MacAoidh

Dòmhnall MacAoidh

Rugadh Dòmhnall MacAoidh, Dòmhnall Thormoid Bhàin ann an Àird a' Mhachaire, anns an Ìochdar air 17 Cèitean, 1893. B' e Tormod mac Aonghais 'ic Dhonnchaidh athair, agus b' ann à Tòrlum ann am Beinn na Fadhla a bha an cuideachd air tighinn gu Àird a' Mhachaire. B' i Màiri Magaidh NicÌosaig a bh' air a mhàthair agus bhuineadh a cuideachd dhan Uachdar ann am Beinn na Fadhla.

Bha ochdnar anns an teaghlach, triùir nighean agus còignear ghillean. Ron Chogadh Mhòr bha Dòmhnall a' falbh air feadh taobh an iar Uibhist a Tuath le each is cairt a' reic do cheannaiche a bha càirdeach dhan teaghlach, MacFheargais à Clachan Chàirinis.

Chaidh e dhan 3rd Battalion Special Reserves aig na Camshronaich ann an 1908, agus chaidh an gairm aig toiseach a' chogaidh. Bha an rèiseamaid aige anns an t-sabaid uamhasach ann a' Ypres agus aig an Somme. Bha dithis de bràithrean, Aonghas agus Donnchadh, còmhla ris anns an rèiseamaid agus ged a thàinig Dòmhnall tron chogadh gu sàbhailte, chaill e a dhithis bhràithrean. Bha aon dhiubh ri thaobh nuair a chaidh a mharbhadh, agus cha robh am fear eile ach mu cheud slat bhuaithe.

An dèidh a' chogaidh bha Dòmhnall anns an T.A., na Sergeant Signaller anns na Lovat Scouts agus bha e anns a' Home Guard aig àm an Dàrna Cogaidh.

Bha cliù aige mar ghillidh air leth am measg an fheadhainn a bhiodh a' tighinn a dh'iasgach lochan Uibhist, agus bha an obair sin ga chumail a' dol fad an t-sèasain.

Bha taigh an teaghlaich aig ceann shìos an rathaid ann an Àird a' Mhachaire. Aig aon àm bha teaghlach MacNeacail às an Eilean Sgitheanach air a bhith air an fhearann an ath dhoras do chuideachd Dhòmhnaill agus nuair a dh'fhalbh iad à Àird a' Mhachaire fhuair Clann 'icAoidh am fearann sin cuideachd. Canar gur e an taigh aca a' chiad fhear air an robh sglèat ann an sgìre an Ìochdair.

'S e duine eirmseach, èibhinn a bh' ann an Dòmhnall. Bha e làn de sgeulachdan is naidheachdan agus bha cuimhne shònraichte aige. Bha guth seinn math aige agus b' ann bho sheanmhair a fhuair e mòran de chuid òrain. Bhiodh e cuideachd a' cur a-mach na loidhne ann an Eaglais na h-Alba anns an Ìochdar.

Bha Dòmhnall a' fuireach ann an taigh an teaghlaich, còmhla ri bhràthair Ailig agus Mòr Bheag, nighean a bhràthar, Raghnall Tormod

Chaochail Dòmhnall air 22 Dùbhlachd, 1980, aig aois ceithir fichead 's a seachd. Chaidh Òran na h-Aoise a chlàradh bhuaidhe san Fhaoilleach 1970.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.