B' ann à sgìre Loch Bhraoin a bha Dòmhnall Friseal, ach tha e air ainmeachadh air Fainich ann an Siorrachd Rois far an robh e ag obair na gheamair san naoidheamh linn deug, agus far am faca e caochladh nach robh idir ri chàil a' tighinn air an àite. Chuir e a bheachdan an cèill ann an òran:
Fainich mhòr nam beanntan àrda
Muime dh'àraich an damh siùbhlach;
'S duilich leam an-diugh do charamh
Bhon a chuir an làn damh cùl riut.
Cha b' e tuath thu orra d' fhàgail
Ach an gràineachadh le bataibh;
Dubh-Ghoill agus coin gar fuadach
Is gar ruagadh air gach bealach.
Mallachd air na caoraich riabhach
Is air a' chiad fhear thug an taobhs' iad;
'S truagh, a Rìgh, nach d' thàinig crìoch air
Mun d' thàinig e riamh an dùthaich.
Càit' an cualas san Roinn Eòrpa
Measg gach inneal-ciùil is òrgan
Ceòl cho binn le sealgair seòlta
Na 'n damh donn 's e seinn a' chrònan.
Trompaid a thogadh mo chridhe
Fuaim do chlèibh 's tu sèideadh rithe
'S mise tarraing anns an uidhe
Chuirinn bonn an geall do righeadh.
Tha An t-Alltan Dubh ag èirigh an ear air Beinn Dearg agus Cona Mheall agus tha e a' dol a-steach do Allt Làir eadar Loch Prille agus Loch na Still.
B' e Mòrag Nighean Fhionnlaigh, a tha air a h-ainmeachadh san òran An t-Alltan Dubh, an gunna aig a' bhàrd agus tha i air a h-ainmeachadh ann an òran eile a rinn e, Frìth nan Damh Ruadha:
Cha b' e iasgach na h-aibhne
Air ìosal nan srathan
An nì sin a chleachd mi 's mi òg,
Ach bhith dìreadh nan stùc
Le mo ghunna nach diùltadh
Far an goir an t-eun fionn anns a' cheò.
'S e blàr dubh Achadh Ghlùineachain
A mheudaich mo thùrs'-sa,
Àite gun sùgradh, gun cheòl,
Gun mhireadh, gun mhànran,
Gun toil-inntinn, gun ghàire,
Gun luinneag no dàn, san taigh-òsta.
'S a Mhòrag nighean Fhionnlaigh
'S beag an t-iongnadh dhomh d' ionndrain,
'S tric a dh'fhalbh mi leat sunndach gu leòr,
'S a rinn thu dhomh an t-eallach
Gu moch-thràth sa mhadainn;
'S b' e an t-àm dhomh bhith cadal, tràth-nòin.
'S ged bu tric mi an car leat
Feadh ghleann, agus ghlacaibh,
Cha d' fhuair mi bonn-maslaidh dhen t-seòrs';
'S cha d' ìslich iad m' aigne
Le tùchadh, no casadaich;
'S cha mhò chaidh mo ghlasadh aig mòd.
Ged thigeadh an gailleann
Le sìon agus frasan,
Gheibhinn dìon agus fasgadh gu leòr
Ann an uaimheagan loinneil,
Ann am fàsach is doire
Far an tric chuir mi ruaig air fear-cròic.
Tha e coltach gu robh a bhean grunn bhliadhnaichean na b' òige na bha e fhèin. Rinn e an t-òran 'S i mo Leannan an Tè Ùr dhi:
'S ged nach eil mi pailt de stòr
Dhèanainn seòl, a ghaoil, air t-aran;
Mharbhainn breac air linne lòin
'S damh na cròic 's a bhùireadh.
Tha do chneas mar shneachd air lòn
Muineal caoin cho geal 's an canach,
Cas as deise thèid am bròig
Nach dèan feòrnan lùbadh.
Tha do ghruaidhean mar an ròs
Beul is bòidhche shèideas anail
Mala chaol mar it' an eòin
Rùisg is bòidhche dhùineas.
Ged a bhithinn-sa cho òg
'S gum b' e màireach tùs mo latha,
'S mi nach trèigeadh gaol na h-òigh
Airson diomb luchd diùrrais.
Chaochail Dòmhnall Friseal an Àird a' Chuilin an Dùthaich MhicAoidh ann an 1880.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.