Dòmhnall Eàirdsidh MacPhàil

Dòmhnall Eàirdsidh MacPhàil

Rugadh Dòmhnall Eàirdsidh MacPhàil, Dòmhnall Eàirdsidh Eachainn Dhonnchaidh, ann an Glaschu air 23 Gearran, 1935. 'S ann à Bail' a' Phuill ann an Tiriodh a bha a phàrantan le chèile, ged is ann à Muile a thàinig cuideachd athair bho thùs. Bha a mhàthair, Màiri Dhòmhnaill Ruaidh, càirdeach don bhàrd Leathanach, Iain MacIllEathain (Bàrd Tighearna Chola), agus b' e a bhràthair, Dòmhnall Cùbair, a sinn-seanair.

'S e càraid a th' ann an Dòmhnall Eàirdsidh agus a bhràthair Donnchadh, a tha na thuathanach ann am Bail' a' Phuill. Tha dithis pheathraichean aca, Màiri, a tha a' fuireach ann an Tiriodh agus Iseabail, a tha a' fuireach ann an Cille Mheàrnaig. Bidh iad uile a' seinn agus chaidh Donnchadh a chlàradh leis a' BhBC. Tha laoidhean air an seinn le Màiri air CD a chaidh a chlàradh de sheinneadairean Tiristeach.

Chaidh Dòmhnall Eàirdsidh do Bhun-sgoil Bhaile Mhàrtainn agus an dèidh sin do Sgoil na Còrnaig. An dèidh an sgoil fhàgail bha e an sàs ann an obair fearainn airson beagan bhliadhnaichean, an toiseach aig an taigh ann an Tiriodh agus an uair sin anns a' Chlachan, ann an Cinn Tìre.

Nuair a bha e mu fhichead chaidh e a dh'obair gu Seirbheis Smàlaidh nam Puirt-adhair aig an taigh ann an Tiriodh. Chaidh e an uair sin a Ghlaschu agus gu Preastabhaig, far an robh e mu dhusan bliadhna, mus do ghluais e gu Gatwick. Aig a' cheann thall bha e na Àrd-oifeigeir-smàlaidh ann am Prìomh Oifis BAA, Ùghdarras Phuirt-adhair Bhreatainn, ann an Lunnainn, far an robh e gus an do leig a dheth a dhreuchd ann an 1995.

Ann an 1961 phòs Dòmhnall Eàirdsidh agus Malina NicLeòid, nighean Rodaidh Thomain à Àird Àsaig, anns Na Hearadh. Tha ceathrar chloinne aca, dithis nighean agus dithis ghillean.

Choisinn Dòmhnall Eàirdsidh am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig a' Mhòd Nàiseanta anns an Òban, ann an 1978. Ged a tha a dhachaigh an-duigh ann a' Horley, Surrey, tha Dòmhnall Eàirdsidh agus an teaghlach gach bliadhna a' cur seachad seachdainnean den t-samhradh ann an Tiriodh.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.