B' e Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Èirisgeach) a dh'eadar-theangaich an laoidh Màthair Mhic Dè, a chaidh a sgrìobhadh le Bean Chràbhach Notre Dame.
Rugadh Dòmhnall Dòmhnallach, (Dòmhnall Eachainn 'ac Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Eòghainn 'ic Dhòmhnaill Mòr nan Each) ann an Èirisgeigh ann an 1912. B' i Ceit NicChoinnich (Ceit Maiseig Iain Dhòmhnaill 'ic Ruairidh) bu mhàthair dhà.
Coltach ri mòran de mhuinntir an eilein, b' ann bho eileanan eile a thàinig na daoine aig Dòmhnall Èirisgeach, mar a bh' aig daoine air. Cha robh mòran meas aig na h-uachdarain air Èirisgeigh ann, air sgàth cho creagach 's a bha an t-eilean agus chaidh a shìn-seanair air taobh athair fhuadach à Coraghadal, air cùl na Beinne Mòire, ann an Uibhist a Deas.
Air an treas gluasad an dèidh sin fhàgail, ràinig iad Èirisgeigh. B' ann à Uibhist a bha taobh a mhàthair cuideachd agus b' e Dòmhnall bu shine de theaghlach as an robh ceithir duine deug.
Chaidh Dòmhnall gu Sgoil Dhalabroig agus an uair sin a dh'Àrd-sgoil a' Ghearastain agus às an sin gu Oilthigh Ghlaschu. Fhad 's a bha e ann an Glaschu bha e an sàs ann am beagan craobh-sgaoileadh Gàidhlig aig a' BhBC bho 1933.
An dèidh ceumnachadh agus trèanadh mar neach-teagaisg, fhuair Dòmhnall a' chiad chosnadh mar thidseir ann an Sgoil Eòlaigearraidh am Barraigh. Ghluais e às an sin ann an 1937 gu Sgoil Bhàgh a' Chaisteil, far an robh e airson 11 bliadhna.
Phòs e Ceit Nèill 'illeasbaig Nèill Eòin, à Brèibhig am Barraigh ann an 1949, dà bhliadhna an dèidh tilleadh air ais a dh'Èirisgeigh. 'S ann an Èirisgeigh a thog iad an teaghlach, dithis nighean, Catrìona agus Mairead, agus dithis mhac, Niall agus Ailean. Chuir Dòmhnall seachad an còrr dhe bheatha air an eilean.
Nuair a chaidh e a dh'Èirisgeigh thug e air adhart ball-coise anns an eilean agus b' e cuideachd a' chiad cheann-suidhe a bh' air Comunn Ball-coise Uibhist is Bharraigh, dleasdanas a bh' aige dà uair, trì bliadhna gach turas.
Bha e na chomhairliche ionadail fad trì bliadhna fichead air Comhairle Ionadail Uibhist, a' strì airson leasachadh a dhèanamh air rathaidean is cidheachan, agus airson seirbheisean an dealain agus uisge fhaighinn dhan sgìre.
Thug e brosnachadh air obair an iasgaich a bha air crìonadh gu mòr ri linn an dàrna cogaidh agus thàinig piseach agus soirbheachadh air a' ghnìomhachas sin le cuideachadh Dhòmhnaill. Gu dearbha bha sgoil-mhara am measg nan cuspairean a bha e a' teagaisg ann an Sgoil Èirisgeigh. Bha e cuideachd gu mòr an sàs ann a bhith a' stèidheachadh Co-Chomunn Èirisgeigh.
Cha robh, cho fad 's a b' aithne dhà, bàrdachd anns na daoine aige idir, ach mur an robh bha ann-san.
Chaidh a chrùnadh mar Bhàrd a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd Inbhir Nis, ann an 1949. Chaidh an leabhar Rannan à Eilean na h-Òige a chlò-bhualadh le Gairm ann an 1981, le bàrdachd, laoidhean agus òrain. Am measg nan òran sin bha 'Òran Èirisgeigh', a tha còrdadh cho math ri seinneadairean agus luchd-èisteachd cèol Gàidhealach.
Tha laoidhean Dhòmhnaill air an seinn gu tric aig seirbheisean eaglais agus tha feadhainn dhuibh air a bhith air an cluinntinn air telebhisean anns na bliadhnaichean mu dheireadh.
Chaochail Dòmhnall Èirisgeach ann an 1989.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.