Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh Chorùna)

Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh Chorùna)

Rugadh Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall Ruadh Chorùna, air 9 Iuchar, 1887, ann am baile beag Chorùna air Cladach a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath. Chaidh Corùna a thoirt air an àite a chionns gu robh Dòmhnall MacFhearghais, sinn-seanair Dhòmhnaill, na shaighdear aig Blàr Chorùna san Spàinn ann an 1809. Tha e coltach gu robh a shinn-seanmhair, Mòr Chaimbeul às an Eilean Sgitheanach, cuideachd an làthair a' bhlàir.

Bha bàrdachd as na daoine agus thòisich e fhèin ri bàrdachd nuair a bha e mu 13. Chaidh e do Sgoil Chàirinis ach cha do dh'ionnsaich e sgrìobhadh ann an Gàidhlig innte.

Nuair a bha e 17, chaidh e dhan Mhailisidh agus bha e ann an Rèiseamaid nan Camshronach nuair a thòisich An Cogadh Mòr. Chaidh iad a-null dhan Fhraing agus chaidh Dòmhnall a leòn aig an Somme ann an 1916 agus cha do thill e gu aghaidh a' bhlàir an dèidh sin. Chuir e an còrr dhen chogadh seachad còmhla ris a' West Riding Field Regiment.

'S e cogadh, agus co ris a tha e coltach, cuspair grunn òrain leis, agus tha An Eala Bhàn gu h-àraidh measail aig seinneadairean agus luchd-èisteachd. Sgrìobh e an t-òran seo do Mhagaidh NicLeòid, Magaidh Dhòmhnaill Raghnaill Shaighdeir, à Loch nam Madadh:

Tha mise seo 's mo shùil an iar
On chrom a' ghrian san t-sàl;
Mo dhùrachd leig mi às a dèidh
Ged thrèig i mi cho tràth,
Gun fhios am faic mi màireach i
Nuair dhìreas i gu h-àrd
Is iomairt lann gu bhith ri chèil'
Nuair 's lèir dhuinn beul an là.

Tha 'n talamh lèir mun cuairt dhiom
Na mheallan suas 's na neòil
Aig na shells a' bualadh -
Cha lèir dhomh buan le ceò;
Gun chlaisneachd aig mo chluasan
Le fuaim a' ghunna mhòir
Ach ged tha 'n uair seo cruaidh orm
Tha mo smuaintean air NicLeòid.

Aig aois 31, thill Dòmhnall Ruadh air ais a dh'Uibhist nuair a bha an cogadh seachad. Tha Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain, a sgrìobh sìos a' bhàrdachd aige, ag innse anns an ro-ràdh a sgrìobh e don chiad leabhar de bhàrdachd Dhòmhnaill Ruaidh (Dòmhnall Ruadh Chorùna, Gairm, Glaschu 1969):

"Ged a bha e taingeil a bheò a thoirt às an àraich, cleas iomadh saighdeir eile, fhuair e bristeadh dùil air a thilleadh. Bha am fearann air an d' fhuair na saighdearan gealltanas cho daingeann 's a bha e riamh ann an crùidhean nan uachdaran. Chan e mhàin gu robh còir aca air an fhearann ach bha còir aca air an iasgach 's air an t-sealg"

Ann an Òran na Seilge tha Dòmhnall Ruaidh a' cur fhaireachdainn làidir an cèill:

An t-sealg 's an t-iasgach bha sinne dìon dhaibh
Am measg fuil is crèadh ann an sliabh na Fraing,
Cha bhlais ar bial-ne air sgath gu sìorraidh -
Tha laghan dèante nach fhiach sinn ann:
Ach dha na h-uaislean a bh' air a' chluasaig
'S a' phlangaid shuarach 's i suas mun ceann
Bhiomaide 'n uair sin a-muigh aig uamhas
'S am peilear luaidhe mar cluais le srann.

Ach tha mi 'n dòchas gun cùmhnar beò dhinn
Na thogas tòrachd is còir nam beann
An uair thig na fiùrain lem briogais-ghlùine
Nach deach a-null air ar cùl dhan Fhraing;
'N uair thig iad dlùth dhut dèan caog-an-t-sùil riu'
'S ged bhiodh ann triùir dhiubh na crùb do cheann,
Oir 's mòr an tàmailt ma chluinn am bàrd e
Gun d' theich fear Gàidhlig air sgàth nan Gall.

Thug an cogadh agus mar a thachair às a dhèidh buaidh anabarrach air Dòmhnall Ruadh, mar a mhìnich a charaid, Fred MacAmhlaigh:

"Ma tha thu a' bruidhinn air a nàdar, duine air leth toilichte na chrannchur. Agus làn dhibhearsain, rabhd, spòrs. Chaill e tòrr dhe ri linn a' chogaidh agus thug e bliadhnaichean mòra, mòra, mus d' fhuair e an taobh sin de nàdar air ais."

Bha iasgach is sealg nam pàirt chudthromach de bheatha a' bhàird agus tha an gaol a bha aige air an obair, agus an tlachd a bha e a' faighinn às, ri fhaicinn uair is uair anns na h-òrain aige:

An èirigh grèine bu toigh leam
Goire coileach na fraoch-chirc.

Is mac an fhèidh a' chùil donnaich
Am Beinn na Coille nan caorach.

An uair bhiodh oidhcheannan reòtht' ann
'S ann leam bu bhòidheach a bhùirich.

A' toirt làmh air a' ghunna
Bhiodh an cuilean 's a shùil rium.

Beag air bheag chaidh aig Dòmhnall Ruadh air cosnadh a chruthachadh dha fhèin, mar a mhìnich Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain:

"Aig an àm seo thòisich Dòmhnall air ceàird na clachaireachd air a cheann fhèin. Bha esan na dheagh chosnaiche 's na dheagh choisiche. Glè thric choisicheadh e fichead mìle chun na stall air am biodh taigh ùr ga thogail. Eadar an dà chogadh thog e còrr is deich air fhichead taigh croite agus cha mhòr gu bheil baile ann an Uibhist anns nach fhaicear grinneas a làimhe."

Ann an 1922, phòs e Anna NicDhòmhnaill, Anna Ruaraidh 'ic Nèill, agus bha dithis chloinne aca, Màiri agus Calum.

An dèidh a' chogaidh, lean Dòmhnall air ri bàrdachd, a' moladh bòidhchead na dùthcha, gu tric a' toirt cunntas èibhinn air rudan a bha a' tachairt san sgìre, ach cuideachd a' gabhail beachd air rudan a bha tachairt san t-saoghal, mar an H-bomb:

Ach saoil sib' fhèin an ceadaich Dia e –
An sgrios chianail seo thighinn oirnne;
Ged as peacaich sinn na fhianais
Gheall E fialaidh dhuinn a thròcair.
Chruthaich E sinn fhèin na ìomhaigh
Is phàigh E ar fiachan mòra
Air a' chrann 's an lann na chliathaich
'S na tàirnean an fhreumh a mheòirean.

Cha b' e beatha fhurasta a bha aig Dòmhnall Ruadh an dòigh sam bith ach a dh'aindeoin sin tha uaisleachd an duine soilleir na bhàrdachd agus anns na h-òrain.

Anns an ro-ràdh a sgrìobh e don dàrna leabhar de bhàrdachd Dhòmhnaill Ruaidh (Dòmhnall Ruadh Chorùna, air fhoillseachadh le Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath, 1995) thuirt Fred MacAmhlaigh, a dheasaich an leabhar, mu charaid:

"Chan e mhàin gu robh sùil gheur aige, ach bha tuigse agus breithneachadh aige air a shaoghal is air a cho-chreutair a bha tàladh dhaoine chun na bàrdachd aige agus gan gluasad fhèin gu faireachdainn.

Bha uaill aige na dhualchas mar Ghàidheal, bha gaol aige dha chànan, agus bha a fhreumhan domhainn ann am mìorbhailt na cruinne. Beatha ris an do thachair bròn agus cruaidh-chàs ach a thàinig riaraichte, toilichte gu crìch, gun fhiamh an eagail."

Chaochail Dòmhnall Ruadh Chorùna air 13 Lùnastal, 1967, agus chaidh a thiodhlacadh ann an Cladh Chille Mhoire an Uibhist a Tuath.

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.