Dòmhnall Caimbeul Mac a' Phearsain (Mac Mhuirich)

Rugadh Dòmhnall Caimbeul Mac a' Phearsain (Mac Mhuirich) ann am Both Fhionndain, anns a' Ghleann Ruadh ann an Loch Abar, ann an 1838. Aig aois glè òg nochd e ùidh mhòr ann an litreachas na Gàidhealtachd agus miann ionnsachadh mu dheidhinn. Fhuair e a dheagh theagasg le Seumas Rothach à Cill Mo Naomhaig. Bha e fiosraichte ann an litreachas na Beurla agus eòlach air litreachas na Grèige agus na Ròimh cho math ri Gearmailtis is Fraingis.

Bha Dòmhnall na iar-leabharlannaiche ann an Leabharlann nan Neach-tagraidh ann an Dùn Èideann, an leabharlann aig fir-lagha a' bhaile. Thug seo dha cothrom cumail air le rannsachadh eachdraidheil agus sgoileireachd Gàidhlig. A' rannsachadh anns an tasglann, fhuair e lorg air seann dàin a nochd ann an Leabhar na Fèinne aig I. F. Caimbeul (1872) agus ann an leabhraichean eile.

Bha cruinneachadh sònraichte aige fhèin de leabhraichean Gàidhlig agus bha e na chuideachadh mòr do Chompanaidh MhicLachlainn is Stiùbhart a thaobh nan leabhraichean Gàidhlig a bha iad a' foillseachadh.

Ann an 1868, dh'fhoillsich Dòmhnall fhèin An Duanaire, cruinneachadh de dh'òrain nach robh an clò roimhe, às an sgìre dom buineadh e, agus an seachdamh clò-bhualadh de dhàin Alasdair Mhic Mhaighstir Alasdair, ann an 1874. Bhiodh e a' sgrìobhadh anns An Gàidheal agus anns an Celtic Magazine fon ainm Abrach.

Tha e coltach gu robh an t-Athair Urramach Vaughan, Aba Manachainn agus Colaiste Chille Chuimein dèidheil air Dòmhnall fhaighinn mar Ollamh airson na Colaiste.

B' e duine socair, iriosal a bh' ann agus cha robh duine ach an fheadhainn a bha fìor eòlach air mothachail air a chomasan agus a thàlantan, agus luach is farsaingeachd an obair rannsachaidh a bha e air a dhèanamh.

Chaochail e ann an Dùn Èideann, gu h-aithghearr, air 23 Ògmhìos, 1880.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.