Rugadh Criosaidh "Denny" NicDhòmhnaill ann an Eòlaigearraidh ann am Barraigh, air 9 Ògmhios, 1939. B' e Dòmhnall Iain 'ic Ruairidh agus Sìne Ruairidh Iain Bhàin, le chèile à Bruthairnis, a pàrantan. 'S e iasgair a bha na h-athair agus bha e anns an Chabhlaich Mharsantachd airson greis cuideachd. Bha còignear anns an teaghlach, dithis nighean agus triùir ghillean.
Ged nach robh guth seinn idir aig a h-athair bha ùidh mhòr aige ann an òrain agus bha e math air an cumail air chuimhne. Bha guth math aig a màthair agus b' e Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag), fear de na seinneadairean a b' ainmeile a bhuineadh do Bharraigh, bràthair a màthar. Bha Ruairidh Iain Bhàin, a seanair, sònraichte math air seinn agus chaidh a chlàradh le Fear Chanaigh agus le Sgoil Eòlais na h-Alba. Bha piuthar a màthar, Ceit Bochanan, cuideachd math air seinn. Le sin dh'fhàs an teaghlach aig Dòmhnall Iain agus Sìne suas air an cuairteachadh le òrain is ceòl is seinn. Tha guth math aig Màiri, piuthar Chriosaidh, agus aig a bràithrean, ged nach nochdadh iad mu choinneamh sluaigh airson seo a dhearbhadh.
Chaidh Criosaidh do Bhun-sgoil Eòlaigearraidh agus an dèidh sin do dh'Àrd-sgoil Inbhir Nis. B' e turas riaslach a bha sin do phàisde aois aona bliadhna deug, a' dol tarsaing a' chaolais a dh'Uibhist airson an Loch Mòr fhaighinn ann an Loch Baghasdail. À Malaig dh'fheumadh iad an trèana a ghabhail dhan Ghearastan, agus bus às an sin gu Inbhir Nis. Cha robh an turas taobh an Òbain mòran na b' fhasa.
Dh'fhàg Criosaidh an sgoil aig deireadh an treas bliadhna agus còmhla ri clann-nighean eile à Barraigh, thug i faisg air dà bhliadhna ag obair ann an sgoil phrìobhaideach do nigheanan, St. Hilda's, ann am Baile Freòin. Bha i greis an dèidh sin ann an Ospadal E.N.T. Ghlaschu mus deach i a dh'Uibhist a dh'obair airson bliadhna a' cumail taice ri a bràthair, Iain, a bha na fhiaclair ann an Loch Baghasdail.
Nuair a bha i an aois, thòisich i air cùrsa trèanaidh nursadh ann an Ospadal Stobhill ann an Glaschu. Cha robh an sgìre, pìos a-mach as a' bhaile, a' còrdadh rithe agus dh'fhàg i an dèidh bliadhna.
Ach bha miann aice an cùrsa nursadh a chrìochnachadh agus chaidh i a Dhùn Èideann airson sin a dhèanamh. Aig toiseach an treas bliadhna choinnich i ri Dòmhnall MacNèill, à Tangasdal ann am Barraigh, agus phòs iad ann an Glaschu ann an 1965.
Bha Dòmhnall air a bhith aig muir ach mun àm a phòs iad fhuair e obair anns a' Mhuileann Pronnaidh, anns an Ghearastan. Ghluais iad gu Loch Abar ach chionns nach robh Ospadal Belford a' trèanadh nursaichean cha d' fhuair Criosaidh riamh an cothrom crìoch a chur air a' chùrsa, rud a chuir aithreachas oirre iomadach uair.
An dèidh aona bliadhna deug anns a' Ghearastan fhuair Dòmhnall obair ann am Factaraidh Èisg Àird Mhèanais. Thill iad a Bharraigh agus rinn iad an dachaigh ann an Eòlaigearraidh. Tha còignear chloinne aca, aon nighean agus ceathrar ghillean.
Choisinn Criosaidh am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd a' Ghearastain, ann an 1985. Mus deach an fharpais sin a stèidheachadh, ann an 1971, bha Criosaidh air co-fharpais nan òran nach robh an clò a bhuinnig aig Mòd Shruighlea ann an 1961. Tha i cuideachd air Alba a riochdachadh dà uair aig an Fhèis Pan-Cheilteach ann an Èirinn.
Ged nach eil Criosaidh a' seinn na h-aonar air àrd-ùrlar an-diugh, bidh i a' seinn ann an Eaglais Eòlaigearraidh agus ann an Còisir Eaglais Naomh Barr anns a' Bhàgh a Tuath.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.