
Chaidh an còisir a' stèidheachadh ann an 1968 le Raibeart MacCaluim agus buidheann de sheinneadairean òga aig an robh ùidh mhòr ann an seinn chòisirean. Chionns gur ann às na h-Eileanan Siar a bha iad, neo an daoine, roghnaich iad Còisir Innse Gall Ghlaschu a thoirt orra fhèin.
Anns a' chiad dol a-mach bha na duilgheadasan àbhaisteach a bhios aig còisir a tha air ùr thòiseachadh aca, ach fhuair iad seachad air an sin agus beag air bheag mheudaich iad an eòlas air òrain Ghàidhlig is Albais agus thòisich iad a' cosnadh cliù dhaibh pèin aig mòdan ionadail agus nàiseanta.
Ann an 1988 chaidh an còisir gu co-fharpais ann an Dùglas, anns an Eilean Mhanainn, agus choisinn iad a' chiad duais ann am farpais nan òran clasaigeach. Cha b' e sin a-mhàin, ach ghleidh iad a' chiad àite anns an fharpais airson seinn anns a' chànain Mhanainneach cuideachd. An dèidh seo, fhuair iad cuiridhean nochdadh aig fèisean eile air an eilean.
Ann an 1995 fhuair iad cuireadh seinn anns an Talla Nàiseanta ann am Baile Atha Cliath an Èirinn, agus chaidh gabhail riutha gu math ann an àite a bha làn chun nan dorsan.
Bha a' chòisir soirbheachail ann an co-fharpais Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thullaich Bhàrdainn cuideachd, ga cosnadh trì uairean, ann an 1985 anns a' Ghearastan, ann an 1986 ann an Dùn Èideann agus aig Mòd an Òbain ann an 1992.
Ann an 2000 leig Raibeart MacCaluim dheth obair stiùiriche a' chòisir agus ged a chaidh àite a ghabhail le Camshron MacFhitheachain, sgaoil an còisir ann an 2005.
Raibeart MacCaluim
Rugadh Raibeart MacCaluim ann an Ceann Loch Chille Chiarain ann an 1938, mac le Calum MacCaluim, a bha cho ainmeil mar stiùiriche còisir Gàidhlig a' bhaile.
A rèir Raibeairt fhèin bha e a' seinn mus do thòisich e a' coiseachd. Bho aois glè òg, mar sin, bha e a' seinn aig mòdan ionadail agus nàiseanta leis fhèin agus ann an còisirean. Bha e anns an dàrna àite ann an co-fharpais a' Bhuinn Òir aig Mòd Shruighlea ann an 1961 agus tràth anns na 60an chlàr e iomadach prògram de dh'òrain Ghàidhlig airson rèidio.
Sguir e a sheinn ann am farpaisean aon-neach ann an 1963 airson barrachd ùine a thoirt dha airson a bhith a' stiùireadh chòisirean. Bha e an toiseach an urra ri Còisir Òigridh Cheann Loch Chille Chiarain agus Còisir Ghàidhlig Chàradail agus ann an 1967-8 bha Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu fo a stiùir.
Ann a 1968 stèidhich e Còisir Innse Gall Ghlaschu agus ràinig an còisir seo inbhe àrd, chan ann a-mhàin ann an saoghal na Gàidhlig, ach an taobh a-muigh nan crìochan sin.
Ann an 2000 leig Raibeart dheth a dhleastanas mar stiùiriche a' chòisir agus ghluais e air ais gu Ceann Loch Chille Chiarain. Chan eil e air cùl a chuir ri saoghal a' chiùil buileach glan, oir tha e a' cuideachadh leis an t-seinn ann am Bun-sgoil Dhrumlemble, ann an Cinn Tìre.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.