Chaidh Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gàidhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna 1944.
Bhuannaich iad Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhàrdain, prìomh dhuais nan còisirean, airson a' chiad uair aig Mòd Pheairt ann an 1963 agus on uair sin tha iad air a ghlèidheadh co-dhiù naoi tursan agus, thairis nam bliadhna bhon uair sin, tha iad air a bhith am measg nam prìomh chòisirean Gàidhlig.
Thairis nam bliadhnaichean tha iad air a bhith air an stiùireadh le Eòin Miller, le Seumas Caimbeul, agus le Sheila Nicholl, ach aig an àm seo 's i Kirsteen Ghrannd, a choisinn Bonn Òr a' Chomuinn aig Mòd Obar Dheathain ann an 1964, a tha air a bhith aig an stiùir bho 1991.
Tha coisir òigridh aca, a chaidh a stèidheachadh ann an 1969 le Iain MacThòmais, a tha air leth soirbheachail agus tha iomadh ball den dà chòisir air buaidh a thoirt aig gach ìre aig farpaisean a' Mhòid, co-dhiù tha iad a' seinn leotha fhèin no ann an càraidean, no am buidhnean beaga.
Tha Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu air a bhith seinn air Mòd Vancouver ann an Canada, aig an Fhèis Pan-Ceilteach ann an Èirinn agus aig an Eisteddfod as a' Chuimrigh a bharrachd air Mòdan agus Fèisean air feadh Alba.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.