Còisir Eaglais Naomh Bàrr

Bha ceud bliadhna ann, ann an 2006, bho chaidh Eaglais Naomh Barr fhosgladh anns a' Bhàgh a Tuath ann am Barraigh. Ron sin, bha aig daoine ris an t-slighe fhada a choiseachd gu Eaglais Bhaile na Creige air taobh eile an eilein.

Chaidh Eaglais Naomh Barr a dhealbh leis an ailtire Woulfe Brenan às an Òban, a dhealbh eaglais Bhàgh a' Chaisteil cuideachd.

Bha an eaglais air a seirbheiseachadh an toiseach bho Eaglais Naomh Brianain ach ann an 1919 chaidh am Bàgh a Tuath a stèidheachadh mar pharaiste neo-eisimeileach agus b' e Mgr. Eòsaph MacGillìosa, à Morair, a' chiad shagart.

Tha còisir air a bhith anns an eaglais bho thogadh i. 'S e còisir beag a th' ann, le mu dhusan a' seinn sa bhitheantas air Didòmhnaich. Tha an còisir diofraichte bho chàch ann am Barraigh chionns gu bheil iad a' seinn as aonais taic inneil. Aig amannan sònraichte bidh na h-àireamhan nas motha, le seinneadairean air an tarraing a-steach bho àiteachan eile.

Tha an còisir a' faighinn brosnachadh airson laoidhean ùra ionnsachadh aig cruinneachaidhean deireadh seachdain a tha ann am Peairt dà uair sa bhliadhna. Bidh iad a' dol thuca nuair is urrainn dhaibh, oir bidh riochdairean bho chòisirean à paraistean feadh na dùthcha an làthair airson ceòl ùr a lorg agus ionnsachadh.

Tha an còisir air mòran laoidhean a chlàradh airson rèidio agus beagan air telebhisean thairis air còrr air leth-cheud bliadhna. An-diugh, 's i Sìneag NicFhionghain a tha an urra ris a' chòisir.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.