Coinneach Ros

Coinneach Ros

Rugadh Coinneach Ros ann an Inbhir Nis, ann an 1942, ach bhuineadh a chuideachd gu lèir dhan Bhràighe, os cionn Inbhir Pheofharain, aig bonn Beinn Uamhais. Ged is e sgìre croitearachd a bh' ann nuair a bha Coinneach òg, cha robh ach aon duine air fhàgail a bhuineadh dhan àite aig an robh Gàidhlig an turas mu dheireadh a bha Coinneach ann, ann an 2009.

Chaidh e do Sgoil Bhràigh Dabhach Ghartaidh an toiseach, an uair sin gu Bun-sgoil Fhodhraitidh agus an dèidh sin gu Acadamaidh Inbhir Pheofharain. An dèidh an sgoil fhàgail chaidh e a dh'obair do Roinn nan Cìsean aig Comhairle Rois is Chromba.

Bha dithis ann aig an robh buaidh shònraichte air a thaobh cànan agus ceòl. B' iadsan Alasdair Friseal, à Aichillidh Bhuidhe, a bha na cheannard air Bun-sgoil Dhrochaid Sguideil agus Dòmhnall MacLeòid, à Tung, Leòdhas, a bha na cheannard air Sgoil Chunndainn. Thug an dithis dha comhairle is eòlas farsaing agus thug Seumas Curr, a bha aig an àm sin na stiùiriche air Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain, dha oideachadh luachmhor a thaobh ciùil.

Choisinn Coinneach Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an Obar Dheathain, ann an 1964, nuair a bha e dà bhliadhna thar fhichead. An ath bhliadhna chuir e a-steach air a shon agus fhuair e taic-sgoilearachd ann an Lunnainn a bha air a theirgsinn leis a' Bhanca Gearmailteach Schröder Wagg. Choinnich e iomadh uair, ann an Lunnainn, ri Baroness Dorothea Schröder, tè dhan teaghlach leis an robh am Banca agus aig an robh Oighreachd Atadail ann an Siorrachd Rois. Gu h-iongantach bha bràthair a sheanmhar, Seumas Dòmhnallach, na àrd ghàirnealair air an oighreachd.

Bha Coinneach còig bliadhna ann an Lunnainn a' trèanadh a ghuth fo stiùireadh dithis luchd-teagaisg, Östein Sinding Larsen à Oslo, agus Dame Eva Turner, a bha eagalach cruaidh ach sònraichte math air a h-obair. Bha e ag ionnsachadh a' phiàna agus ceòl aig Acadamaidh Rìoghail a' Chiùil.

Chaidh Coinneach gu Düsseldorf anns a' Ghearran, 1970 feuch am faigheadh e àite airson sèasan ann an taigh-cluich. Fhuair e sin agus bha e ann an Hof/Saale airson bliadhna, baile nach robh ach mu cheithir mìle bhon bhalla a bha sgaradh taobh an Ear na Gearmailt bhon taobh an Iar.

An dèidh a' chiad bhliadhna chaidh e airson sèasan gu ruige Zurich agus an dèidh sin thill e gu ceann a tuath na Gearmailt. Bha aige ri mòran ionnsachadh anns an ùine a bha sin oir bha an t-seinn gu lèir ann an Gearmailteis. An dèidh sin bha na h-oparas anns an robh e air an seinn anns a' chànan anns an deach an sgrìobhadh.

Fad na h-ùine anns a' Ghearmailt rinn e àireamh mhòr de recitals no Liederabend. Daonnan am measg nan òrain Ghearmailteach bha Coinneach a' seinn òrain Ghàidhlig agus òrain Burns.

Chaochail Coinneach Ros ann an 2010.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.