Coinneach MacLeòid (Red)

Rugadh Coinneach MacLeòid, Coinneach Ruadh Choinnich Ruaidh, air an robh am far-ainm Red, air 13 Dàmhair, 1899 ann an Seisiadar an Rubha, Leòdhas.

B' e am mac bu shine aig Coinneach MacLeòid agus a bhean Cairistìona NicÌomhair. Cha robh Coinneach ach naoi bliadhna nuair a ghluais an teaghlach a Phabail Iarach.

Mar a cho-aoisean chaidh Coinneach gu Sgoil na h-Àirde agus, an dèidh dhan teaghlach gluasad, gu sgoil Phabail. An dèidh an sgoil fhàgail fhuair e obair air bàt'-iasgaich, ag obair a-mach à Steòrnabhagh, mar a dh'innis e fhèin air prògram Gàidhlig air a' BhBC ann an 1977:

"'S e a' chiad chosnadh a rinn mi an dèidh dhomh an sgoil fhàgail, chaidh mi chun an iasgaich. Bha mise an uair sin a' toirt fad an t-samhraidh airson aon seachd notaichean na mo chòcaire as na bàtaichean. Thug mi dà bhliadhna ann a' sin."

An àm a' chogaidh chaidh a thogail dhan Royal Naval Reserve agus aig deireadh a' chogaidh chaidh a chuir gu Scapa Flow ann an Sealtainn.

Mar na ceudan eile, agus mar thoradh air a' bhochdainn a bh' anns an eilean agus am briseadh-dùil a fhuair daoine an dèidh a' chogaidh, dh'fhalbh Coinneach a Chanada air a' bhàta ainmeil, am Metagama.

"Bha na Canadians a' smaoineachadh gur e daoine fiadhaich a bh' annainn. Bha dealbh nan taighean-dubha as na pàipearan aca. Chaidh a h-uile duine againn an uair sin ma-tà gu tuathanaich ann an Canada agus cha robh pàigheadh air an tuath glè mhath. Bha iad airson gu fuiricheadh sinn air an tuath gum pàigheadh sinn ar passage."

Bha gu leòr ann a rinn sin ach bha Coinneach air aon duine nach do rinn.

"Bha mise smaoineachadh gum bithinn ro aosta mas fhaighinn airgead a phàigheadh i. Thug mi trì latha ann agus tha mi smaoineachadh gu d' rinn mi glè mhath."

Ann an 'Òran na Tuatha' tha Coinneach a' dèanamh dealbh èibhinn air mar a thachair dha:

Nuair thàinig àm a' bhleoghainn
Bha othail air a' bhodach ud
Chuir e mise mach don t-sabhal
Ach bleoghann cha b' aithne dhomh;
Chiad bheathach bho na shuidh mi
Cha robh dileag bainn' aige;
Cha robh laogh a-riamh ann –
Nuair dh'fheuch mi, 's e damh a bh' ann!

Ach tha an t-òran a' crìochnachadh:

Bheirinn comhairl' air gach òigear
A sheòlas gu Canada
Gun a dhol gu farm
Gu bràth gus am faillich air;
Tha 'n obair orr' cho cruaidh
'S tha na h-uairean cho fad orra;
Bha mise ann air chuairt
'S e mo ghruaidhean a dh'fhairich sin.

Thug cion obair is cion chothrom an Canada air Coinneach gluasad dha na Stàitean Aonaichte agus b' ann an Detroit a choinnich e Mòr NicNeacail à Grabhair. Phòs iad ann an 1928 agus rugadh a' chiad leanabh aca, Coinneach, anns na Stàitean.

Cha robh cùisean idir furasta an Ameireagaidh aig an àm seo agus thill an teaghlach air ais a Leòdhas far an d' fhuair iad cead taigh a thogail air fearann a' bhaile. An dèidh an taigh a thogail, thòisich Coinneach a' cosnadh le bhith cuideachadh a' togail thaighean do dhaoine eile. An ceann ùine thog e seada ri ceann an taighe aige fhèin, Bùth Red, a bha fosgailte gu às dèidh an Dàrna Cogadh:

Thuirt cailleach bheag bheannaicht' rium 'n-diugh anns a' bhùth
"Cuimhnich air d' anam 's bi lùbadh do ghlùin"
'S beag a bha dh'fhios aic' gu robh m' iosgaidean rùisgt'
Le cho tric 's tha mi sgùradh an làir orr'.

Fhuair Coinneach agus Mòr triùir eile de theaghlach, Murchadh, Kitty agus Katie Ann, agus cha robh duine dhan dithis aca mionaid dìomhain.

Bha Coinneach ag àiteach an fhearainn agus bha e dèidheil air iasgach, agus air falbh a' mhòintich a' coimhead ris na caoraich, a dh'aindeoin 's gu robh corra thè na crois dha:

'S tusa chaora dhubh-cheannach
An-diugh tha dhomh nad èiginn
Nach fuirich thu sa bhaile seo
Airson gu faigh mi grèim ort;
Do dhubadh no do bhearradh
Cha do thachair sin mar tèile –
Gu dè dh'fhàg cho fiadhaich thu
A' riagail feadh an t-slèibhe?

Thug Browny, a' bhò, cuspair dha cuideachd:

Nuair a thig an t-earrach cha bhi fois no tàmh,
Mach mi le mo spaid a chur mo chuid buntàt',
Slaodadh thuige todhar ach an toir e fàs -
H-uile càil a nì mi, 's ann airson na bà.

Samhradh gheibh mi bainne, beagan ime 's bàrr,
An dèidh bhith fad an earraich ga cheannach bho chàch;
'S e their iad rium am bliadhna "'S math as fhiach i h-àit,"
Ach mur b' e dhòmhsa chlann, bhiodh an ceann aic' air an spàrr.

Thug Coinneach greis ag iasgach air bàta air an robh an Olive Branch, a theab a dhol às an rathad ann an gèile turas:

Nach duilich, duilich, duilich, bhith ri plumadaich air sàl,
Toirt beòshlaint leis an dubhan às 's a' fuireach ann am bàt';
Nuair bha mi òg 's mi amaideach, cha deighinn-sa ri ceàrd,
Is an-diugh bho dh'fhàs mi aosta tha mi dìoghladh air a sgàth.

Cha do mhair an t-iasgach agus airson an còrr dhen ùine a bha e a' cosnadh bha Coinneach a' cuideachadh chlachairean a bha a' togail thaighean.

B' ann airson Sandaidh Mòr, à Pabail Iarach, a rinn Red Gobhar an Deucoin. Bha 'd ag obair còmhla ann an Ùig agus thurchair Sandaidh innse do Choinneach gu robh e am beachd gobhar a cheannach bho fhear à Ùig. Ach an dèidh dha Sandaidh an t-òran a chluinntinn, cha d' fhuair e gobhar, ged a shaoileadh tu air an òran gun d' fhuair.

Mar a thuirt a nighean Katie Ann mu h-athair air BBC Radio nan Gàidheal air a' phrògram Bàird Baile:

"Cha chreid mi nach bu chaomh leis a h-uile duine m' athair. Bha e furasta faighinn air adhart leis. Ach bhiodh e an-còmhnaidh a' tarraing à daoine. Cha chreid mi nach robh beagan eagal aca roimhe gun dèanadh e amhran dhaibh agus bhiodh iad a' cumail casg air an còmhradh nuair a bhiodh iad a' bruidhinn ris."

Agus air an aon phrògram dhearbh an t-seinneadair Iain 'Hoddan' Dòmhnallach cho deas bhriathrach 's a bha Red:

"Duine beag smart agus chanadh tu gu robh e uabhasach dòigheil ga fhaicinn a' coiseachd. Chanadh tu gu robh e a' dèanamh amhran na inntinn a h-uile trup a shealladh e riut. Sin mar a bha mise ga fhaighinn co-dhiù. Duine uabhasach èibhinn a bh' ann. Bha e èibhinn gu nàdarrach agus bha e uabhasach geur, 's tha sin ri aithneachadh air na amhrain aige. Dhèanadh e amhran dhut às do sheasamh. Rudan a bha e a' coimhead, bha e uabhasach furasta dha an cuir ann am briathran, gu h-àraidh rudan èibhinn."

Agus ma tha feum air sin a dhearbhadh, chan eil aig duine ach èisteachd ri amhrain leithid 'Solas an Dealain', Bàs an Eich agus Òran an AI.

Chaochail Coinneach ann an 1977 ann an Ospadal Steòrnabhaigh an dèidh dha grèim-cridhe a ghabhail.

Chaidh na h-òrain aig Red, na tha air lorg dhiubh, fhoillseachadh ann an leabhar Òrain Red le Acair ann an 1998. Tha iomadh sgeulachd mu Red anns an leabhar agus mu na tachartasan a ghluais e gu bàrdachd. A' sgrìobhadh mu h-athair, tha Katie Ann, a nighean, ag ràdh:

"Cha robh e ach mar fhear san t-sreath, ach sònraichte nam measg a dh'aindeoin sin: bha e na dhuine a bha tuigseach, ach a bha a' feuchainn gu dìcheallach ris an taobh sin dhe nàdar fhalach air cùl bhriathran geur, sgaiteach. Rinn e tòrr òrain ach tha mòran dhiubh nach eil air sgeul, oir cha do sgrìobh e gin sìos. Bha na h-òrain a' tighinn thuige gun strì agus cha dhìochuimhnicheadh e iad."

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.