B' e Coinneach MacCoinnich, Fear Shrath na Sealga, ann an sgìre Innis an Iasgaich, Taobh Siar Rois, deas air an Teallach, a rinn an t-òran seo. B' e Coinneach ogha do dh'Uilleam MacCoinnich, à Loch Caran, a sgrìobh na h-òrain ''S Cianail m' Aigne' agus Cumha Alasdair Dhuinn.
Sgrìobh e dà òran do Mhàiri a bha na bana-shearbhant aige; Mo Ghaol An Tè Nach Dìobair Mi (Màiri Ghreannar) agus 'Màiri Dhonn Thorra-Chaisteil'.
Mhàiri dhonn, bhòidheach dhonn,
Mhàiri dhonn, 's mòr mo thlachd dhiot
Thogainn fonn gun bhith trom
Air nigh'n duinn Thorra-Chaisteil.
Tha Torra-Chaisteil faisg air Creag Gobhar ann an Loch Bhraoin.
Chaochail Coinneach MacCoinnich mu 1830.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.