Rugadh Charitie Bancroft ann an 1841 am Bloomfield, am Baile Àtha Cliath an Èirinn. B' i an ceathramh leanabh a bh' aig an t-Urramach George Sidney a bha na mhinisteir ann an Eaglais na h-Èirinn, an eaglais Colebrooke.
Chaidh aon de na ciad sgrìobhaidhean aice, O for the Robes of Whiteness, fhoillseachadh ann an 1860.
B' e Mu Choinneamh Cathair Dhè an laoidh a b' ainmeile a sgrìobh i agus bha i tric ri cluinntinn ann an eaglaisean soisgealach aig deireadh an fhicheadamh linn. Cha robh Charitie ach 22 aig an àm a sgrìobh i an laoidh agus 's e The Advocate an tiotal a thug i oirre.
Chaidh cruinneachadh den obair aice fhoillseachadh fon t-ainm Within the Veil ann an 1867, a' bhliadhna a ghluais an teaghlach gu Tattyreagh an Omagh, far an do ghabh a h-athair dreuchd aig Eaglais Chaluim Cille.
Ann an 1869 phòs Charitie Arthur Bancroft, à Liverpool, ann an Dùn Èideann. An dèidh sin chan eil mòran fiosrachadh ri fhaotainn mu a beatha ged tha e coltach gun deach a fàgail na banntraich dà thuras.
Chaochail i ann an Oakland, California ann an 1923, aig aois 82.
Fiosrachadh mun t-Eadar-theangaiche: An t-Urr. Iain Urchardan
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.