
Chithear Ceitidh Magaidh na suidhe air an taobh chlì dhen dealbh.
Rugadh Ceitidh Magaidh Mhoireasdan, nighean Dhòmhnaill an Torra, ann am Borgh, air taobh siar Leòdhas ann an 1930. Cha robh i ach ceithir nuair a dh'ionnsaich fear a bhuineadh dhi dà òran dhi. Chaidh a cuir na seasamh air sèithear agus sheinn i Falt Trom, Trom, Dualach agus Mala Chaol is Beul Tana.
An dèidh an tòiseachadh tràth seo, cha do sheinn i tuilleadh air beulaibh dhaoine gus an robh i na deugaire aig dannsa ann an taigh-sgoile Ghabhsainn. Thòisich i an uair sin a' seinn aig cuirmean is dannsaichean ann an àitichean leithid Càrlabhagh agus Talla Bhaile Steòrnabhaigh, far am biodh sluagh mòr san èisteachd.
Nuair a bha i 18, chaidh i a dh'obair a thaigh-òsta ann am Millport còmhla ri càirdean dhi, clann-nighean Làisdidh. Thill i dhachaigh às dèidh an t-sèasain agus fhuair i obair na clippie air a' bhus, còmhla ri Tibert nach maireann. Bha am bus le companaidh ris an cante "Busaichean Ghabhsainn" – companaidh a tha an-diugh aig Galson Motors.
Às dèidh ùine bheag an sin, chaidh i a dh'obair gu holiday camp ann an Baile Bhòid ach thàinig oirre tilleadh dhachaigh ann an 1958 nuair a dh'fhàs a màthair bochd.
Chaochail a màthair ann an 1959 agus b' fheudar do Cheitidh Magaidh fuireach aig an dachaigh a' coimhead às dèidh a h-athair agus pàirt den teaghlach.
Ann an 1965 phòs i Tommy Jack. Ged is ann às an Dòrnaidh a bha an teaghlach aig Tommy, 's ann am Barabhas, far an robh athair na phoileas, a rugadh e. Rinn iad an dachaigh ann am Borgh, agus tha triùir a theaghlach aca. 'S iomadh oidhche dhòigheil, cheòlmhor a bha ann an Taigh an Torra, ged a tha Ceitidh Magaidh cho diùid 's gun can i nach do dh'ionnsaich ise ach cuid de dh'òrain Ghàidhlig.
Tha sinn gu mòr an comain Joan Alice NicMhathain airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.