Tha cuimhne aig gu leòr an Uibhist fhathast air Ceit NicNeacail, Ceit Phàdraig Mhòir. Bhiodh i a' seinn, gun sguir cha mhòr, aig bainnsean, a-staigh san dachaigh aice fhèin, nuair a bhiodh i ag obair, aig cèilidhean agus aig na luaidh. Cha robh teaghlach aice, ged a thog i fhèin 's a cèile, Lachlainn, dithis chloinne.
Boireannach àrd, brèagha a bh' innte, agus bha i làidir agus èasgaidh gu daoine eile a chuideachadh. Bha i math air obair fearainn agus mun cuairt bheathaichean. Thug i mòran bhliadhnaichean na còcaire ann an Sgoil an Iochdair, far am biodh i tric a' seinn dhan chloinn.
Bha mòran òrain aig Ceit agus thog i cuid mhath dhiubh bho Eachann MacTheàrlaich a bha fuireach còmhla ri fhèin agus ri Lachlainn a' chiad ghreis a bha iad pòsta. Bha ùidh shònraichte aice ann an òrain a rinn bàird Uibhist a Deas.
Chaidh Ceit a' chlàradh dhan BhBC leis an fhear-cruinneachaidh Aimeireaganach Ailean Lomax ann an 1951. Sheinn i trì òrain bleoghainn dha fhad 's a bha i a' bleoghann agus cluinnear fhathast am bainne a' dol dhan pheile.
Bha Sarah Grey, bana-sheinneadair Aimeireaganach a thug greis còmhla ri Cèit ann an 1970, nuair a bha i cruinneachadh òrain ann an Uibhist, den bheachd gur i Ceit tè de na seinneadairean bu treasa a chuala i riamh. Chaochail Ceit aig aois 75.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.