'S iomadh duine, seinneadairean is sgoilearan gu h-àraidh, a tha gu mòr an comain Ceit NicDhòmhnaill, Bean Eardsaidh Raghnaill, à Gearraidh Sheillidh an Uibhist a Deas. Cha bhi fios gu bràth cia mheud òran a b' aithne dhi, ach, nuair a chaochail i air 27 Cèitean 1977, 's i dìreach seachdainean goirid dhan a' cheithir fichead, bha i air còrr air dà cheud òran a chuir air teip.
Bha an teaghlach dham buineadh Ceit ainmeil a thaobh an eòlais a bha aca air òrain agus air beul-aithris. Mar a thuirt an sgoilear Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach, a bha eòlach oirre fhèin agus air a daoine, "She had the good fortune to be born into a family almost incredibly rich in music, in song, in storytelling and in traditional lore of all kinds."
Thog Ceit mòran òrain bho a màthair, Mòr, nighean Aonghais 'ic Eachainn, Bean Nìll Catrìona, a bha na boireannach comasach, cumhachdach, a rèir a h-uile iomradh.
B' e bràthair a màthar, Aonghas, a dh'innis an seanchas agus na naidheachdan a chaidh fhoillseachadh mar Saoghal an Treabhaiche (Club Leabhar, Inbhir Nis, 1972), The Furrow Behind Me (Birlinn, Dùn Èideann, 1977) agus Stories from South Uist (Birlinn, Dùn Èideann, 1977)
Bha a h-athair, Niall, na phìobaire, 's bha màthair a h-athar, Catrìona, math air seinn. Le sin tha fhios gum bu dual do Cheit a bhith a' seinn.
Bha eòlas aig Ceit air iomadh seòrsa òran. Sheinneadh i puirt is òrain bleoghainn, agus òrain aig a bheil ceangal ri pìobaireachd. Bha seann duain aice agus òrain gaoil agus tàlaidhean. Ach 's dòcha gur e an àireamh mhòr de dh'òrain luaidh a bha aice, agus na bha aice de cheathramhan de gach òran air a cuimhne, a dh'fhàg Ceit cho sònraichte thar chàch.
Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh mu Cheit ann an Tocher, iris Sgoil Eòlais na h-Alba, Àireamh 27.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.