Ceit Bochanan

'S ann à Bruairnis am Barraigh a bha Ceit Bochanan, Ceit Ruaraidh Iain Bhàin. Bha a h-athair, Ruaraidh Iain Bhàin, a dh'eug aig aois 86 ann an 1944, ainmeil mar sheinneadair. B' e piuthar a h-athar, Mòr, bean Shomhairle Bhig, a thug iomadh òran do Mharsaili Cheanadach Fhriseal.

Anns na Hebridean Folksongs aig Fear Chanaidh tha na h-ainmean aig Ruaraidh agus aig Mòr a' tighinn am bàrr a-rithist agus a-rithist.

Bha Ceit fhèin sònraichte math air seinn mar a bha a piuthar, Sìne, agus a bràthair, Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain no 'N Eòsag mar a chante ris.

A bruidhinn air BBC Radio nan Gàidheal air 24/12/1997 thuirt Màiri NicDhòmhnaill, an nighean aig Sìne:

"'N Eòsag, bha e dìreach mar gum biodh galair air nuair a chluinneadh e òran. Dh'fheumadh e ionnsachadh, agus bha Ceit air a' chleas eile, 's feumaidh gu robh agus Ruaraidh roimhe sin. Dìreach dh'fheumadh e bhith aca, nan cluinneadh iad e. 'S e galair a bh' ann."

Bha Ruaraidh Iain Bhàin pòsta aig Ciorstaidh Alasdair Chaluim agus bha dusan de theaghlach aca. Chaochail Ciorstaidh òg agus nuair a dh'fhàs Ruaraidh sean chaidh e a dh'fhuireach an Eòlaigearraidh còmhla ri Ceit. Bha i fhèin agus a teaghlach, agus Sìne a piuthar agus a teaghlach, air gluasad à Bruairnis a Eòlaigearraidh nuair a roinneadh am fearann ann.

Bha Ciorstag, nighean Cheit, a' cuimhneachadh air a seanair agus air a màthar air BBC Radio nan Gàidheal air 24/12/1997:

"Bha mise deich bliadhna nuair a dh'eug mo sheanair ach tha cuimhne agam e bhith na shuidhe air sèithear ri taobh an teine a' gabhail òrain. Bhiodh e daonnan agus a shùilean dùinte.

Bha e air iarraidh oirnn a bhith cho modhail, gun a bhith ri mì-mhodh eagal 's gum biomaid a' cur dragh air. Ach 's e duine aotrom a bh' ann. Bha e uabhasach aotrom dhe fhèin agus aotrom air a chasan.

Bha saoghal trang aig mo mhàthair agus na boireannaich eile. Dh'fheumadh iad a bhith a' falbh dha na bùithtean air astar, 's a' tarraing na mine, 's a' falbh an uair sin a bhleoghainn na beathaichean dhan mhonadh. Bha obair feur is arbhair is a h-uile càil riamh dhe sin.

Ach bha h-uile gin aca ga dhèanamh, agus na dhèidh sin gheibheadh iad ùine air a dhol a chèilidh air a chèile 's còmhradh is seinn a bhith aca. Agus bha na taighean aca cho glan! Bha iad uabhasach fhèin dòigheil."

Tha cuimhne mhath aig Màiri NicDhòmhnaill (Màiri Denny), nighean Shìne, air Ceit, piuthar a màthar:

"An dealbh a th' agam oirre, boireannach beag grinn agus bha i uabhasach fhèin trang daonnan. Uabhasach trang, 's bhiodh i a' seinn abair bith dè bhiodh e a' dèanamh.

Agus bhiodh i gar cur air dòigh air fad a h-uile duine againn. Gu h-àraidh a' latha bhite dèanamh nan cruachan, 's i Ceit a bhiodh a' toirt seachad nan òrdain chionns bha an dà chroit ri taobh a chèile 's bhiomaid a' falbh o àite gu àite, a' cuideachadh a chèile agus 's ise daonnan a bhiodh a' tòiseachadh bonn cruaiche chionns cha b' aithne dhuinne a dhèanamh!

Agus bha sinn air leth miadhail air Ceit, o chionns bha e uabhasach fhèin laghach an dà phiuthar a bhith an ath doras ri chèile agus dh'fhàs sinn mar aon teaghlach. Bha sinn fhìn 's a' chlann aig Ceit, cha robh sinn ach mar gum biodh aon teaghlach mòr."

Ged a bha an dà phiuthar a' fuireach ri taobh a chèile cha robh iad idir coltach ri chèile, a rèir Màiri, nighean Shìne:

"Bha Sine car diùid mu dhol a-mach 's a bhith seinn ach bu toigh le Ceit a bhith seinn, 's cha robh e gu diofar dè bhiodh i a' dèanamh bhiodh i a' seinn. Ach mar is trice 's ann nuair a bhiodh i a' bleoghann a' chruidh a bhiodh Sìne a' seinn."

Cha mhotha bha na guthan aca coltach. Bha guth làidir agus deagh chuimhne aig Ceit, mar a dh'innis Ciorstag, a nighean:

"Cha d' fhuair i trèanadh riamh. Sin mar a bha i, a guth cho làidir. Na peathraichean eile, bha na guthan aca na bu mhìne, cha robh iad làidir idir ach bha an guth aice-se uabhasach math."

Sgeulachd

Ann an 1966, chaidh Mairead NicNèill (Mairead Fhorbais), agus Màiri NicFhionghain nach maireann, no Màiri Boyd mar a bh' innte an uair sin, gu campa Comunn na h-Òigridh ann an Inbhir Nis le buidheann de dh'òigridh à Barraigh. Thachair iad ri Dolina NicLeòid a bha aig a' champa le buidheann à Leòdhas.

Bha iad uile dèidheil air ceòl is òrain, 's nuair a bhiodh iad saor air an oidhche, bhiodh iad a' coinneachadh airson cèilidh. Dh'innis Dolina dhaibh mu a h-athair, Tormod MacLeòid, Am Bàrd Bochd, agus cho dèidheil agus a bha e air òrain. Nuair a thill iad dhachaigh, chùm iad an càirdeas a' dol.

Cha do thachair Mairead is Tormod a-riamh, ach bhruidhinn iad ri chèile air an fòn turas no dhà. Bhiodh esan a' cur thuice teipichean dhen bhàrdachd aige fhèin, 's bhiodh ise a' cur thuige-san teipichean de dh'òrain à Barraigh agus b' e Fliuch an Oidhche fear aca.

Anns na 60an bhiodh bannal bhoireannach, is Mairead nam measg, a' dol a chèilidh air Ceit Ruairidh Iain Bhàin 's ged a bha i sean agus air a' leabaidh, bhiodh i ag ionnsachadh òrain dhaibh. Bhiodh iad nan suidhe timcheall, 's bhiodh ise na suidhe anns an leabaidh a' gabhail nan òran. Sin mar a chaidh Fliuch an Oidhche a chlàradh agus mar a thàinig e gu bhith am measg nan teipichean aig a' Bhàrd Bhochd.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.