Rugadh Catrìona NicDhòmhnaill, Catrìona Aonghais a' Ghobha ann an Ùige an Eilean Sgitheanaich anns an Dàmhair, 1927, nighean le tè a mhuinntir a' bhaile, Anna Ghreumach. Cha robh anns an teaghlach ach i fhèin.
Chaidh i a Bhun-sgoil Cheann Loch Rainich, nuair a bha a h-athair ag obair air oighreachd ann an Dùn Alasdair airson faisg air deich bliadhna. Thill an teaghlach air ais às an sin goirid mus do thòisich an Dàrna Cogadh agus thog a h-athair taigh ri taobh Abhainn Chonainn, ann an Ùige.
An dèidh an sgoil fhàgail chaidh Catrìona do Ghlaschu a dh'ionnsachadh a ceàird mar ghruagaire. Thill i air ais dhachaigh dhan Eilean nuair a dh'fhàs a màthair bochd.
Phòs Catrìona agus Ailig Beag Dhòmhnaill a' Ghrèidhear, agus bha an dachaigh aca aig 5 Lianacro, ann an Cille Mhoire anns an Eilean. Bha i a' dèanamh B&B an sin agus a' cuideachadh le obair fearainn.
Bho 1990, airson deich bliadhna, bha Catrìona na ball de Bhuidheann Luaidh Thròndairnis a bhiodh a' seinn aig cèilidhean agus taisbeanaidhean air feadh an Eilein.
'S e bàrd a bha na h-athair, Aonghas Mac an Fhleisdeir, a rugadh ann a' Siadar Ùige, agus aig an robh tàlant air leth airson a bhith a' dèanamh òrain eirmseach, èibhinn a bhiodh e fhèin a seinn.
Chaochail Catrìona air 6 Samhain, 2006.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.